Seachdain nan Teaghlach 2023
Tha sinn toilichte innse gum bi Seachdain nan Teaghlach a’ tilleadh gu làrach Shabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach 10–14 Iuchar 2023, airson a’ chiad uair às dèidh COVID – 19 bliadhna on a’ chiad tachartas de leithid ann an 2004, is 50 bliadhna on a chaidh Sabhal Mòr Ostaig fhèin a stèidheachadh ann an 1973.
‘S e tachartas fad-seachdain a tha seo, a’ toirt cothrom do theaghlaichean aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sgilean cànain a leasachadh còmhla ann an àrainneachd bogadh na Gàidhlig, is a bhith a’ measgachadh le teaghlaichean eile à gach ceàrn na dùthcha, a tha ann an suidheachaidhean coltach ris an t-suidheachadh aca fhèin. Bidh cothrom aig pàrantan cùrsaichean cànain Sabhal Mòr Ostaig a fhrithealadh tron t-seachdain, fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadh tachartas is cluiche tro mheadhan na Gàidhlig, le teaghlaichean a’ tighinn cruinn còmhla air an oidhche airson measgachadh de thachartasan sòisealta.
Mar a bh’ anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, thèid a’ mhòr-chuid de na cosgaisean a phàigheadh le taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, agus le Sabhal Mòr Ostaig is le Comhairle na Gàidhealtachd fhèin, a tha a’ cur an tachartas seo air dòigh. Tha diofar roghainnean ann a thaobh àite-fuirich aig diofar phrìsean, is tha na cosgaisean eile a thèid a phàigheadh le pàrantan air a bhith gan cumail aig prìsean 2019. Bruth an seo airson tuilleadh fiosrachaidh agus bucadh.