Seiminear a’ Chunntais-shluaigh – Air-loidhne
Diciadain 13 Samhain 2024, 09:00 – 10:30
Thàinig toraidhean Gàidhlig a’ Chunntais-Shluaigh 2022 a-mach aig àm gu math fàbharach, dìreach nuair a tha Riaghaltas na h-Alba a’ beachdachadh air reachdas cudromach, ùr an taic ris a’ chànan.
Tha na toraidhean a’ sealltainn crìonadh leantainneach air àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar, ach fàs iongantach ann an àiteachan eile air feadh na dùthcha. Dè tha na toraidhean seo a’ ciallachadh do phlanaichean an Riaghaltais agus do Bhile nan Cànan Albannach a tha ga dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta?
Thigibh còmhla rinn aig an t-seiminear goirid, air-loidhne seo gus beachdachadh air a’ Bhile an coimeas ris na toraidhean as ùire. Taisbeanaidh Iain Mac an Tàilleir (Sabhal Mòr Ostaig) a’ chiad sgrùdadh mionaideach air na dàta as ùire; beachdaichidh Wilson McLeod (Ollamh Emeritus, Oilthigh Dhùn Èideann) air na toraidhean ann an co-theacs an reachdais mholta agus a’ cho-chomhairleachaidh a chaidh a dhèanamh o chionn greis, agus mìnichidh Ceit Fhoirbeis (Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Eaconamaidh is na Gàidhlig) adhbhar agus susbaint a’ Bhile bho thaobh an Riaghaltais.
Thèid an seiminear a chumail anns a’ Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar-aon chun na Beurla.

