PRÒISEACT DUALCHAIS IS BEUL-AITHRIS AIR A CHUR AIR CHOIS
Thèid pròiseact ùr, Stòras Shlèite, a chur air bhonn an t-seachdain seo is e fa-near beul-aithris ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a chruinneachadh is a ghleidheadh. Tha am pròiseact ga lìbhrigeadh le sgioba leabharlainn Shabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson cànan is cultar na Gàidhlig, leis an amas sgeulachdan, seanchas is ceòl sgìre Shlèite a thaisbeanadh.
Anns a’ bhliadhna ri tighinn, thathar an dòchas sgeulachdan, òrain is Gàidhlig na sgìre a chruinneachadh bho mhuinntir an àite cho math ri bhith a’ tarraing air nithean ann an tasglann an t-Sabhail Mhòir, airson goireas dualchais ionadail a chruthachadh airson muinntir an àite, luchd-teagaisg is duine sam bith aig a bheil suim anns a’ chànan is a’ chultar.
Thuirt Greg MacThòmais, a tha na stiùiriche air a’ phròiseact agus na Leas-mhanaidsear Leabharlainn aig Sabhal Mòr Ostaig:
“’S e amas a’ phròiseict seo beul-aithris, òrain is dualchainnt sgìre Shlèite a chruinneachadh is a ghleidheadh. Bidh cuid mhòr den phròiseact stèidhichte air clàradh na tha an cuimhne muinntir an àite fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh feum de na tasglannan ciùil is cànain a th’ againn cheana. ’S e am prìomh amas againn làrach-lìn is goireasan teagaisg a chruthachadh anns am bi clàraidhean sean is ùr de dh’òrain, abairtean is dualchainnt na sgìre.
“Uaireannan, bidh sinn a’ smaoineachadh air cruinneachaidhean beul-aithris mar stòras ann an tasglann gun fhios againn a bheil cead againn an cleachdadh. Ach tha e fa-near dhuinn sa phròiseact seo an t-eòlas sin a thoirt air ais do na daoine leis a bheil e. Tha sinn an dòchas a bhith ag obair cuide ris a’ choimhearsnachd is tha sinn a’ fiathachadh muinntir Shlèite is dhaoine le eòlas air dualchas na sgìre gus an cuid sgeulachdan innse dhuinn gus an tèid againn air goireas cultarail a dhèanamh a nì moladh mòr air dualchas beartach Shlèite.
Thuirt Donnie MacFhionghain, a tha na Chathraiche (an gnìomh) air Iomairt Chamas Chros is Dhùisdeil is a bha roimhe na Chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Shlèite:
“Bha mi air mo dhòigh glan nuair a chuala mi mun phròiseact a tha Sabhal Mòr Ostaig a’ stiùireadh. Bidh e glè chuideachail airson stòras de dh’eòlas is dualchas is eachdraidh Shlèite a tharraing còmhla.
“Tha mi a’ smaoineachadh gun tèid am pròiseact ùisneachadh le iomadach duine is buidheann is bidh cothrom aca barrachd eòlais a chur air a’ cheàrnaidh àlainn seo den t-saoghal. Cuiridh am pròiseact ri tuilleadh leasachaidh anns an sgìre – mo bheannachd orra!”
Tha am pròiseact air taic airgid fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig is Sabhal Mòr Ostaig.
Thathar ag iarraidh air duine sam bith a bhiodh deònach agallamh càirdeil a dhèanamh, fios a chur gu Greg ann an Leabharlann an t-Sabhail Mhòir aig: no 01471 888205