Urram do dhithis bhon t-Sabhal aig Mòd 2024
Choisinn dithis bhon t-Sabhal Mhòr duaisean aig am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban an t-seachdain sa.
‘S i an t-Oll. Meg Bateman, ollamh ann an cànan is cultar na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, a chaidh a h-ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich na bliadhna sa, agus Harry Josephine Giles, oileanach air an dàrna bliadhna, a choisinn duais Neach-ionnsachaidh na Bliadhna.
Rugadh is thogadh an t-Oll. Meg Bateman ann an Dùn Èideann, agus chaidh i dhan oilthigh ann an Obar Dheathain gus Eòlas Cheiltis a dhèanamh, a’ cur seachad bliadhna air a bogadh sa Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas. Rinn i an uair sin PhD ann am bàrdachd dhiadhaidh ann an Gàidhlig Chlasaigeach. Tha i air a bhith a’ teagasg bhon uair sin, aig Colaiste Telford, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Obar Dheathain agus Sabhal Mòr Ostaig.
Tha i air ceithir leabhraichean den bàrdachd aice fhèin a thoirt a-mach, nam measg Aotromachd (1997), a choisinn duais bho Chomhairle Ealain na h-Alba agus a chaidh a chur air geàrr-liosta Leabhar Albannach na Bliadhna aig Stakis.
Tha i cuideachd air co-dheasachadh is eadar-theangachadh a dhèanamh air còig cruinneachaidhean de bhàrdachd Ghàidhlig eachdraidheil, de bhàrdachd dhiadhaidh agus de bhàrdachd nam ban. Thàinig Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd a-mach an 2020, a tha a’ faighneachd a bheil sealladh fa leth aig na Gàidheil air an t-saoghal.
Thuirt an t-Oll. Meg: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ dol nam bhàrd aig a’ Chomunn, gu h-àraidh seach gum b’ e ionnsachadh a rinn mi. Tha e a’ faireachdainn neònach ge-tà gu bheil rudeigin a nì mi ann an uaigneas a’ dol na rud corporra! Tha mi an dòchas gun dèan mi feum sa bhliadhna a tha romhainn do bhàrdachd na Gàidhlig. Tha e mìorbhaileach gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast ann agus gum bi daoine – luchd-labhairt dùthchasach agus ùra – a’ lorg na fìrinn aca sa chànain. Cha leig mi leas innse gur e cànain bhrèagha shùbailte a th’ innte, làn ciùil is ìomhaighean talmhaidh.”
Chaidh duais Neach-ionnsachaidh na Bliadhna a thoirt do dh’oileanach an t-Sabhail Mhòir, Harry Josephine Giles, ùghdar cliùiteach à Arcaibh o thùs agus a-nis a’ fuireach ann an Lite.
Rinn Harry Josephine an cùrsa bogaidh CertHE Gàidhlig is Conaltradh an-uiridh agus chrìochnaich i aig bàrr a’ chlas, rud a bha iongantach leis nach do thòisich i air a’ Ghàidhlig ionnsachadh ach beagan a bharrachd air dà bhliadhna air ais.
Bha i uabhasach taiceil do chàch anns a’ chlas, gam brosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn mun àrainn agus a’ toirt eisimpleir de shàr sgoilearachd dhan na h-oileanaich eile. Tha i a-nis cumail oirre ag ionnsachadh le Sabhal Mòr Ostaig air astar anns an dàrna bliadhna.
Thuirt Harry Josephine: “Nach buidhe dhomh gun do dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig? Còmhla ris a’ chànan, tha mi air caraidean ùra a dhèanamh, air òrain ùra a ghabhail ’s air sgeulachdan ùra a chluinntinn. A bharrachd air sin, tha sealladh nas fharsainge agam a-nis air eachdraidh, cultar is muinntir na dùthcha—an dùthaich agam fhìn. Tha làn fhios agam gu bheil mo chuid Ghàidhlig glè bheag fhathast, ach, mar sin, làn taingealachd gu bheil tòrr a bharrachd ri ionnsachadh—agus, mar sin, làn taingealachd airson urram na duaise.”