Bogsa air Loidhne le Addie Harper Air Loidhne

BHO: July 13, 2020
GU: July 15, 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

  

 

 

 

 

 

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

‘S e cùrsa 3 làithean a tha seo aig Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Addie air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Addie mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.

Buinidh Addie Harper Jnr do theaghlach ceòlmhor ainmeil agus bha athair air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba. Tha an dòigh teagaisg aig Addie a’ cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn agus mar sin bidh na cùrsaichean aige a’ tàladh oileanaich às gach àird.

 

Bogsa air Loidhne le Addie Harper Air Loidhne
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578