Skip to content

Am Bogsa Piana le Mairearad Green

BHO: 21 Lùnastal 2017
GU: 25 Lùnastal 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
 
Èist ris a’ chlàr ‘Summer Isles’  an-seo!
 

‘S ann an Achd Ille Bhuidhe ann an Ros an Iar a chaidh Mairearad Green a thogail. Tha cliù aice mar neach-ciùil sgileil, comasach air a’ bhogsa agus i cho ealanta air a’ phìob air am bi i a’ cruthachadh fhonn ùra àraid.

Tha Mairearad, a tha an dà chuid cuideachail is taiceil mar neach-teagaisg agus air a’ bheil fiamh-ghàire an-còmhnaidh, air iomadach fonn a sgrìobhadh a tha gan cleachdadh gu bitheanta le luchd-ciùil air feadh Alba agus thall thairis. Tha “Maggie West’s Waltz” agus “Dram Behind the Curtain” air cuid de na fuinn as fheàrr le daoine. Bheir Mairearad brosnachadh do dh’oileanaich a’ chùrsa gus am faic iad adhartas agus misneachd anns an dòigh-cluiche aca fhèin. Ionnsaichidh oileanaich tro sheachdain a’ chùrsa seo fuinn ùra le dòighean cluiche air leth mar a fhreagras air gach duine. Gheibh iad fhèin cuideachd cothrom air ùine shònraichte a chur seachad air dòighean-ionnsachaidh airson fonn a chruthachadh.

Tha an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach gu ìre adhartach agus thèid ceòl a theagasg le bhith ag èisteachd agus cuideachd le bhith ga sgrìobhadh. Bhiodh e na bhuannachd nam b’ urrainn dhuibh an t-inneal-ciùil agus an t-inneal-clàraidh agaibh fhèin a thoirt leibh.

Chan eil ach 10 àiteachan ri fhaighinn air a’ chùrsa seo, mar sin, feumar clàradh gu luath ma thathar airson àite a ghlèidheadh.

 

Bidh Mairearad gu tric ann an cuideachd Anna Massie aig a bheil cliù mar neach-ciùil iomadh ionnstramaid agus tha an ceòl aca còmhla dìreach mar a chuir an Scotsman an cèill “music much more than the sum of just two parts”. Tha Mairearad cuideachd air a bhith air chuairtean còmhla ri Eddi Reader, Karine Polwart, The Poozies, The Unusual Suspects, Box Club agus Tunebook  còmhla ri Ross Ainslie agus Simon Bradley.  Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn aig:  www.mairearadgreen.co.uk

San Dùbhlachd 2016, thàinig an clàr ùr aig Mairearad a-mach, ‘Island Folk (Niteworks Remix).

 

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578