Dannsa-ceum do Luchd-tòiseachaidh le Keri: 03 Giblean 2023
BHO: 03 Giblean 2023GU: 07 Giblean 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
‘S e cruth dannsa traidiseanta a th’ ann an dannsa-ceum, anns am bithear a’ cur feum air fuaim nan casan air an làr airson a chur ris a’ cheòl. A bheil àite nas fheàrr airson dannsa na aig cridhe an t-Sabhail Mhòir fhèin?
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh, is e a’ toirt a-steach dannsaichean ‘Srath Spè’, ‘rìdhle’ agus ‘puirt-cruinn’, agus gheibh sibh deagh stèidh airson chlasaichean nas adhartaiche san àm ri teachd. Bidh comhairle ann air ruitheam is ceàrd-eòlas le cothrom an stoidhle agaibh fhèin a leasachadh.
Nach toir sibh leibh brògan cofhurtail le buinn chruaidh ach a tha sùbailte agus as urrainn fuaim a dhèanamh.
Mu Keri
Tha Keri air a bhith a’ dannsa o chionn 30 bliadhna agus rinn i ionnsachadh le Harvey Beaton à Ceap Breatainn, a’ tòiseachadh air Cùrsa Goirid an seo aig an t-Sabhal Mhòr. Rinn i teagasg ann an iomadh àite agus a’ Cholaiste nam measg.
Tha Keri ainmeil airson a cuid foighidinn is a dòigh-teagaisg mhisneachail. Bidh ceòl beò ann leis an fhìdhlear Ronan Martin, agus cothrom gach latha rud beag Gàidhlig ionnsachadh tron t-seachdain.
Mu Ronan
‘S e fear de na fìdhlearan as cliùitiche an Alba a th’ ann an Ronan Martin. Buinidh e do theaghlach ceòlmhor san Eilean Sgitheanach, ‘s bha fidheall na làimh nuair nach robh e ach trì bliadhna a dh’aois. Bidh e a-nis a’ cluich ceòl bho cheann a tuath ‘s ceann an iar na h-Alba le stoidhle aoibhneach is beothail.
Tha Ronan air a bhith a’ cluich airson dannsa-ceum o chionn fada agus e ag obair le mòran dhannsairean-ceum, a leithid “Dannsa”, “Fred Morrison’s Ceòlas”, “The Scottish Step Dance Company” agus Sophie Stevenson. Tha e air fìdhlearachd a theagasg air a’ chùrsa chiùil thraidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, agus thar nam bliadhnaichean tha e air cluich air na cùrsaichean dannsa-ceum aca cuideachd, ag obair còmhla ri dannsairean a leithid Harvey Beaton (Ceap Breatann) agus Keri (Alba).
Ann an 2018, chluich Ronan còmhla ris a’ chluicheadair bogsa-ciùil Frances Wilkins ann an Quebec do na dannsairean Caroline Reagh (Alba) agus Mac Morin (Ceap Breatann) aig cuirm comharrachaidh 350 bliadhna den choimhearsnachd Cree aig Waskaganish. Ann an 2008 dh’fhoillsich e a’ chiad chlàr aige fhèin, a choisinn tòrr mholaidhean. B’ e taisbeanadh de cheòl fidheall thraidiseanta na Gàidhealtachd a bh’ ann, agus Jonny Hardy bho “Old Blind Dogs” a’ cumail tac ris air a’ ghiotàr. Thuirt “Fiddler Magazine” (Na Stàitean) gu bheil e “astonishingly crisp and powerful” agus gur e a bh’ ann ach “a masterful work of splendour that will endure.”