Còmhradh is Cainnt air Loidhne le Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach
BHO: 15 Ògmhios 2021GU: 17 Ògmhios 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Còmhradh is Cainnt air Loidhne le Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach
Chaidh an cùrsa seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas. Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.
’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canàda, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt. Tric cluinnidh sibh Ailig air BBC Rèidio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
- An Cùrsa Adhartais
- Ìre 8, Ìre 9 is Ìre 10 nan Cùrsaichean Goirid
- Cùrsa Fhlòdaigearraidh
Mura h-eil sibh cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt oirbhse, na biodh leisg oirbh idir fòn no post-d a chur thugainn.