Bùth-obrach aon latha air “Complete Vocal Technique”
BHO: 25 Ògmhios 2016GU: 25 Ògmhios 2016
COSGAIS: £40
COSGAIS (OILEANAICH): £
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Cuir fios gu Alasdair MacAoidh airson àite air a’ chùrsa a ghlèidheadh air 01471 888 280 no post-d: info@skyespace.co.uk.
BÙTH-OBRACH AON LATHA ANNS AN DÒIGH-OBRACH COMPLETE VOCAL TECHNIQUE
Mas e seinneadair, cleasaiche no òraidiche a th’ annad no ma tha ùidh agad anns a’ ghuth fhèin, bhiodh a’ bhùth-obrach ann an Complete Vocal Technique freagarrach dhut. Bheir an cùrsa seo comasan is misneachd dhut a leigeas leat do thaisbeanadh air beulaibh luchd-èisteachd, taisbeanadh gnìomhachais a lìbhrigeadh, bruidhinn ri buidheann, no òraid dìnnearach a thoirt seachad.
Tha Complete Vocal Technique stèidhichte air eòlas is saothair an rannsaiche ghutha, Cathrine Sadolin, thar 25 bliadhna is i ag obair leis a’ ghuth. Tha leasaichean gutha agus dotairean ENT a leithid Dr Julian McGlashan aig Queen’s Medical Centre ann an Nottingham ga moladh mar dòigh-obrach dhearbhte a leigeas leis a’ ghuth a h-uile fuaim a tha comasach a dhèanamh ann an dòigh FHALLAINN.
A rèir CVT, tha luach ga chur anns gach fuaim; thathar a’ toirt air falbh bheachdan air ‘sàr fhuaimean’ a chuireas bacadh air daoine agus a’ leigeil leis an t-seinneadair/neach-labhairt an taghadh fhèin a dhèanamh. Tha uidheam an lùib CVT a leigeas le daoine a h-uile fuaim sa ghuth a thaisbeanadh gu fallainn a chaidh clàradh thar iomadh bliadhna de rannsachadh fuaime is cuirp, agus dòighean gutha a leithid guthan atharraichte.
Gheibhear cothrom anns a’ bhùth-obrach seo barrachd eòlais fhaighinn air a’ ghuth, obrachadh ann am buidheann bhrosnachail air sgilean gutha, ceistean a chur agus leasan goirid aghaidh-ri-aghaidh fhaighinn (15-20 mionaid), a chuidicheas leis na h-amasan gutha is taisbeanaidh agad. Thèid a’ bhùth-obrach a stiùireadh le Mìcheal Hill, a tha na oide gutha agus neach-craolaidh air BBC.
Tha Mìcheal Hill fileanta ann an iomadh cànan agus bidh e a’ teagasg air Cùrsaichean Goirid SMO gu bitheanta. Thèid a’ bhùth-obrach seo a chumail ann an Skyespace, an stiùideo craolaidh ùr-nodha aig Sabhal Mòr Ostaig agus thèid a teagasg anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla mar as iomchaidh ged nach eil tè seach tè dhiubh riatanach! Chaidh cosgais a’ chùrsa seo a stèidheachadh aig ìre ìosal mar thoiseach tòiseachaidh a chionn ‘s gur e seo a’ chiad chùrsa de leithid a chaidh cumail san Eilean Sgitheanach.
Bidh a’ bhùth-obrach ann eadar 10.00 agus 4.00 agus le uair a thìde aig àm-lòin.
Fiosrachadh air dòigh-obrach CVT:
http://completevocalinstitute.com/introduction-uk/
Mìcheal Hill – Oide Gutha
‘S e oide gutha agus seinneadair a th’ ann am Mìcheal Hill a tha a’ fuireach ann an Lunnainn agus a stèidhich The Voice Hub, a tha a’ dèanamh oideachadh is bùithtean-obrach gutha air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha iad air a bhith an sàs ann am bùithtean-obrach o chionn ghoirid dha The Actors Centre ann an Covent Garden, Lunnainn, The Academy of Contemporary Music, Tron Theatre ann an Glaschu agus Royal College of Speech and Language Therapists.
Bidh Mìcheal cuideachd a’ teagasg sheinneadairean is chleasaichean a tha air nochdadh air film, telebhisean agus an àrd-ùrlar, eadar Game of Thrones agus an National Theatre. ‘S esan a’ chiad Albannach le teisteanas Complete Vocal Technique (CVT), a chaidh trèanadh a rèir an rannsachaidh is teagaisg ghutha as ùire aig Complete Vocal Institute ann an Copenhagen. Tha leasaichean gutha agus dotairean ENT ga moladh agus tha rannsachadh gutha a’ leantainn ann an com-pàirteachas le Dr Julian McGlashan, a tha na Eòlaiche-sgòrnain agus Lighiche Cinn is Amhaich, Queen’s Medical Centre Campus aig Nottingham University Hospitals. ‘S e dòigh-obrach glè èifeachdach a th’ ann an CVT, a bheir slàinte gutha agus saorsa taisbeanaidh do chleasaichean, seinneadairean is òraidichean agus tha fèill mhòr oirre. Tha 294 tidsearan barantaichte ann air feadh an t-saoghail ag obair ann an 20 dùthaich ann an 4 mòr-thìr, agus ‘s e a’ bhuidheann bharaichte as motha de thidsearan ann an dòigh-obrach aonaichte a’ ghutha.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh no àite a ghlèidheadh air a’ chùrsa, nach cuir thu fios gu Alasdair Mackay air 01471 888 280 no post-d: info@skyespace.co.uk