Cuimris tro Mheadhan na Gàidhlig – Air-loidhne: 02 an Lùnastal 2022
BHO: 02 Lùnastal 2022GU: 04 Lùnastal 2022
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Cuimris tro Mheadhan na Gàidhlig – Air-loidhne
Chaidh an cùrsa Cuimris seo a thogail do luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha an cùrsa seo freagarrach do dh’fhìor luchd-tòiseachaidh na Cuimris no luchd-ionnsachaidh aig a bheil eòlas bunaiteach air a’ chànan. Bu chòir ìre eadar-mheadhanach ardhartach, àrd-ìre no ìre thùsanach na Gàidhlig a bhith aig luchd-ionnsachaidh.
Air a’ chùrsa seo, gheibhear ionnsachadh air mar a bhiodh tu a’ cur fàilte agus aithne air dhaoine, a’ còmhradh aig ìre bhunaitich, agus a’ bruidhinn air àite agus dachaigh. A thuilleadh air a bhith tro mheadhan na Gàidhlig, seallaidh an cùrsa do luchd-ionnsachaidh mar a tha an dà chànan Cheilteach seo coltach agus eadar-dhealaichte.
Gheibh luchd-ionnsachadh cothrom air fuaimneachadh a leasachadh agus sgilean cànain a chleachdadh (bruidhinn, èisteachd, sgrìobhadh agus leughadh). Thèid gnàthasan-cainnte, seanfhaclan agus abairtean nàdarrach a thoirt a-steach nuair a bhios sin iomchaidh. Bheirear sùil air cultar agus eachdraidh na Cuimris. Gheibh luchd na Gàidhlig buannachd às a’ cheangal Cheilteach eadar Gàidhlig agus Cuimris.
Tha an cùrsa seo ag amas air:
- eòlas air fàilte is aithne a chur air càch a chèile ann an Cuimris;
- còmhradh air an aimsir;
- comas air bruidhinn air an sgìre agus air an dachaigh;
- comas air bruidhinn air aghaidh na tìre;
- leasachadh eòlas air fuaimneachadh agus litreachadh na Cuimris;
- aithne air mar a tha Cuimris agus Gàidhlig coltach agus eadar-dhealaichte.
Lìbhrigeadh a’ Chùrsa
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean ann gach latha:
- Clas 1: 09.30 – 10.45
- Clas 2: 11.15 – 12.30
- Clas 3: 13.30 – 15.00
Thèid na clasaichean a lìbhrigeadh tro Zoom. Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.