Skip to content

Còmhradh sa Ghàidhlig (Eadar-mheadhanach Ìosal) le Muriel Fisher

BHO: 01 Iuchar 2019
GU: 05 Iuchar 2019
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich mun liosta-feitheimh againn.**

Tha an cùrsa àraid seo na bhrosnachadh do luchd-eadar-mheadhanach a tha airson na sgilean labhairt aca a leasachadh. Gheibh thu ionnsachadh tlachdmhor is nàdarra air a’ Ghàidhlig às an dòigh teagaisg spòrsail is aotrom aig Muriel.

Tron t-seachdain bidh measgachadh de chothroman còmhraidh san t-seòmar clas is cuairtean beagan tro sgìrean eadar-dhealaichte san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, far am bithear ag ionnsachadh briathrachas ùr bho na chithear air na cuairtean.  Anns na còmhraidhean, gheibhear cothrom a dhol thairis air a’ bhriathrachas ùr is a bhith ga chleachdadh ann an stoidhlichean còmhraidh eadar-dhealaichte. Bithear a’ bruidhinn air cuspairean a leithid nàdar, eachdraidh, rudan sòisealta is eile.  Tha an cùrsa seo ag amas air stòras de dh’fhaclan is abairtean ùra a chruinneachadh a bheir misneachd do dh’oileanaich gus còmhraidhean nas doimhne a chumail.

Tha na cuairtean an eisimeil na sìde  agus bheiridh seo buaidh air planaichean an latha.  Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù dà mhìle aig gach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.  Chan eil biadh no deoch an lùib prìs a’ chùrsa, ach tha bracaist an lùib prìs àite-fuirich na colaiste. Airson barrachd fiosrachaidh mun àite-fuirich againn, thoiribh sùil an seo.

Beachdan oileanaich a rinn an cùrsa  an-uiridh:

                           

                            “Muriel was a great teacher and very supportive of students at different stages of learning”

           

              “Muriel is fantastic, makes everything very memorable!”

                                       

        “Excellent teacher!”

 

Tha an cùrsa àraid seo na bhrosnachadh do luchd-eadar-mheadhanach a tha airson na sgilean labhairt aca a leasachadh. Tha an cùrsa fo stiùir Muriel Fisher, a bhuineas don Eilean is a chaidh a thogail le Gàidhlig – tha i air a bhith a’ teagasg Gàidhlig ann an Ionad Gàidhlig Tucson, Oilthigh Arizona, Sabhal Mòr Ostaig is air feadh an t-saoghail fad còrr is 20 bliadhna.  Mar chomharra air a h-obair is na comasan aice, chaidh urram cliùiteach, an Duais “Excellence in Community Linguistics”, a chur air Muriel le The Linguistic Society of America airson “her outstanding work with the teaching, promotion and documentation of Scottish Gaelic.”

Gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir don luchd-com-pàirtiche crìoch a chur air ìrean 3, 4, no 5 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo cùrsaichean co-ionnan, is a bhith comasach air còmhradh mionaideach a chumail le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF            
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2-3 (8-12)   
SCQF 5-6 SQA Ìre Choitcheann: Creideas & Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578