Cùrsa Comhraidh (eadar-mheadhanach nas ìsle)
BHO: 30 Màrt 2020GU: 03 Giblean 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**
Chaidh an cùrsa seo a dhealbhadh airson taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach nas ìsle aig a bheil beagan tuigse air a’ Ghàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh ‘s a bhiodh iad ag iarraidh.
Thèid taic shònraichte a thoirt seachad airson faighinn thairis air na duilgheadasan is suidheachaidhean a tha buailteach a bhith doirbh dha daoine le bhith a’ coimhead air is a’ ceartachadh mearachdan gràmair agus a’ faighinn taic a thaobh fuaimneachaidh. Thèid cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig a tha aig daoine mar-thà ach le barrachd misneachd agus gheibhear faclan is abairtean ùra cuideachd. Bu chòir gun cuidich sin le sgilean còmhraidh a bhios nàdarra is fileanta.
**AIRSON FIOS**: Gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir do dh’oileanaich a bhith air Cùrsaichean Goirid SMO a dhèanamh aig ìrean 5 is 6 agus comas còmhraidh meadhanach math aca, le tuigse is comas cleachdaidh air na puingean gràmair a leanas:
- Tha an coimeas ri ‘S e
- Cò às a tha thu? / Càite bheil thu a’ fuireach?
- À an coimeas ri às agus ann an/am an coimeas ri anns
- Is toigh leam / Cha toigh leam
- Tuairisgeulan air daoine (coltas agus feartan)
- Tràthan sìmplidh (Bha / Tha / Bidh)
- An tràth caithte – gnìomhairean riaghailteach/mì-riaghailteach agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite. (An deach…? Cò chaidh…?)
- An e/A bheil/Am bi/An toil/An robh/ Am bu toil/Am b’ fheàrr/An fheàrr agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.
Tuairmse air ìre:
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (10-12)
Cùrsaichean Gàidhlig aig ìre 5 & 6 (Cùrsaichean Goirid)
SCQF 5-6