Skip to content

Dannsa-Ceum còmhla ri Sophie Stephenson

BHO: 08 Lùnastal 2016
GU: 12 Lùnastal 2016
COSGAIS: £240
COSGAIS (OILEANAICH): £170
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

 

Cùrsa dannsa-ceum còmhla ri Sophie Stephenson. Thòisich Sophie le bhith ag ionnsachadh dannsa-ceum aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2003, air cùrsa fo stiùir Harvey Beaton. Na neach-oide fiosrach agus brosnachail le Fèisean nan Gàidheal, tha Sophie air pàirt a ghabhail ann am fèisean agus tachartasan air feadh Alba agus Canada, ann an Nirribhidh agus na Stàitean, agus tha i air a bhith na h-oileanach ann an Oilthigh Dhùn Èideann, Colaiste Bheinn na Faoghla agus Sabhal Mòr Ostaig. Bidh i a’ tilleadh dhan t-Sabhal Mhòr le cùrsa dannsa-ceum a bhios a’ teagaisg cheuman bunasach a tha a’ freagairt air measgachadh de srath spè, port-cruinn agus ridhle.  

Tha fàilte ro oileanach de gach aois, de gach comas.

Airson barrachd fios mu Sophie, faodar an làrach-lìn aice fhaicinn an seo.

 

Search

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578