Cùrsa Fìdhlearachd nan Garbh-chrìochan le Iain MacPhàrlain Air Loidhne
BHO: 06 Iuchar 2020GU: 08 Iuchar 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 10.00 – 11.00, 11.30 – 12.30 and 13.30 – 14.30. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.
Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa Fìdhlearachd a thabhann a-rithist am-bliadhna còmhla ris an neach-ciùil thàlantach, Iain MacPhàrlain.
Thugainn agus ionnsaich ciamar a chluicheas tu stoidhle shònraichte nan Garbh-chrìochan air an fhidhill leis an t-sàr neach-ciùil thraidiseanta, Iain MacPhàrlain. Air a’ chùrsa seo, bithear a’ sùileachadh gun ionnsaich sibh roghainn de phuirt sna h-òrain Ghàidhlig, ridhleachan na pìoba agus na sgeulachdan air cùl nam port.
Tha an cùrsa seo ga theagasg tro bhith ag èisteachd agus gheibhear ceòl sgrìobhte aig deireadh a’ chùrsa. Bu chòir gum bi na h-ionnstramaidean agaibh fhèin còmhla ribh agus bu chòir gum bi cluicheadairean aig ìre eadar-mheadhanach no nas àirde.
Mu dheidhinn Iain:
Rugadh agus thogadh Iain ann an Gleann Fhionnainn agus bha e air a bhogadh ann an ceòl na sgìre bhon a bha e na ghille òg. Tha Iain aithnichte airson a bhith a’ cluich còmhla ri Blazin Fiddles agus Glenfinnan Ceilidh Band, ach tha e cuideachd air cluich còmhla ri luchd-ciùil a leithid Boys of the Lough, Phil Cunningham, Fearchar MacRath agus Fergie Dòmhnallach. Tha Iain air a bhith an sàs gu mòr ann an teagasg thar nam bliadhnaichean agus tha e an-dràsta na phrìomh neach-oide fìdhlearachd aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd. A bharrachd air sin, tha companaidh riochdachadh ciùil aige, Old Laundry Productions, stèidhichte ann an Gleann Fhionnainn agus tha a’ chompanaidh seo air a bhith gu math soirbheachail is iad air clàran a leithid ‘Dual’ le Julie Fowlis, ‘Farrar’ le Duncan Chisholm agus ‘Cillebride’ le Kathleen NicAonghais fhoillseachadh. Dh’fhoillsich Iain a chlàr ùr fhèin, ‘Gallop to Callop’, ann an 2016.
“Tha Iain làn-airidh air a chliù airson na tha de dh’aoibhneas a bhios e a’ taisbeanadh na chuid chuirmean-ciùil.”
Tha barrachd fiosrachaidh mu Iain an seo