Fìdhlearachd Air Loidhne le Eòghann MacEunraig
BHO: 17 Lùnastal 2020GU: 19 Lùnastal 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
![]() |
|
![]() |
Eòghainn is cuid dhe na h-oileanach bho 2017 |
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.
Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa goirid seo a thabhann a-rithist am bliadhna leis an sàr neach-ciùil Eòghann MacEunraig.
Air a’ chùrsa seo, bidh Eòghann a’ toirt thugaibh blasad den nòs-ciùil dhùthchasach Ghàidhealach aige fhèin, gu h-àraid a’ bhuaidh a th’ aig òrain Ghàidhlig agus ceòl na pìoba air a chuid fìdhlearachd. Bidh cothrom ann seana phuirt agus puirt ùra ionnsachadh agus bidh sibh cuideachd a’ toirt sùil mhionaideach air mar a chluichear ceòl na pìoba (ceòl beag gu h-àraidh ach ceòl mòr cuideachd) air an fhidhill. Mar bu dual dhan cheòl, thèid a’ chuid mhòr de na puirt is fiosrachadh ga toirt seachad tro bheul-aithris agus cluas-chiùil anns na clasaichean ach bidh duilleagan-ciùil rim faotainn cuideachd. Feumar comas cluich aig ìre mheadhanach a bhi aig an neach-cluiche mus faigh iad air a’ chùrsa.
Chan eil beàrnan ann ach airson 8 neach – glèidh àite an dràsta gus am faigh sibh air a’ chùrsa!
‘S ann à Loch Abar a tha an neach-ciùil agus seinneadair Eòghann MacEunraig agus chaidh a bhogadh ann an ceòl agus dualchas na sgìre bho òige. Fhuair e oideachadh air an fhìdheall bho Aonghas Grannd, fear de na fìdhlearan Gàidhealach as cliùitiche a bh’ ann a-riamh agus oideachadh air a’ phìob mhòir bho iomadh pìobaire ainmeil, Aonghas MacColla nam measg. Bha e deagh ghreis a’ cluich air feadh an t-saoghail na bhall den còmhlan ainmeil Battlefield Band agus an Afro-Celt Sound-System. Ach ‘s ann cuide ri Mànran (an còmhlan a stèidhich e fhèin ‘s grunn charaidean ann an 2010) a bhios e cur seachad a’ mhòr-chuid den ùine a-nis.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Eòghann agus a cheòl brùth an seo – www.ewen-henderson.com