Òrain Gàidhlig agus Albais le Katherine NicLeòid
BHO: 01 Ògmhios 2019GU: 02 Ògmhios 2019
COSGAIS: £100
COSGAIS (OILEANAICH): £80
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
|
|
Bidh Katherine NicLeòid còmhla rinn a’ teagasg cùrsa sònraichte, Òrain Thraidiseanta Gàidhlig agus Albais. Bidh thu a’ coimhead air òrain às iomadh ceàrnaidh de dh’Alba tron deireadh-sheachdain. Bidh na h-òrain a’ toirt sùil air diofar thaobhan den fhearann agus den dualchas. Ged a tha an dùthaich againn beag, tha measgachadh mòr ri fhaicinn nar cànan, nar ceòl agus nar cultar. Air a’ chùrsa seo, bidh thu ag obair air co-sheirm agus seatadh nan òran. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agad airson a’ chùrsa seo – thoir leat do ghuth agus gheibh thu lethbhreac dhen stuth teagaisg. Faodaidh tu, nam biodh e feumail, na h-òrain a chlàradh air fòn-làimh air no air inneal-clàraidh.
’S ann a Cille Bhrìghde an Ear a tha Katherine NicLeòid, is i aithnichte mar shàr cheòladair agus neach-oide, air an duiseil, an fhìdeig agus a’ seinn. Tha i air a bhith an sàs ann an ceòl bho aois glè òg. Thòisich i le bhith a’ seinn ann an Còisir Chille Bhrìghde an Ear nuair nach robh i ach naoi bliadhna a dh’aois. Cheumnaich i bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba ann an 2010 le BA ann Ceòl Traidiseanta agus tha i air a bhith a’ cluich fad is farsaing bhon uair sin. Tha i dealasach mu theagasg agus mu bhith a’ sgaoileadh a cuid òran agus tha i a’ dèanamh fiughair ri bhith tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna.