Skip to content

Gàidhlig Ìre 4

BHO: 07 Lùnastal 2017
GU: 11 Lùnastal 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

***Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.***

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse air a’ chànain aig ìre eadar-mheadhanach ìosal is comas còmhradh nas mionaidiche a chumail le bhith a’ cleachdadh structairean bunaiteach cuideachd.  San ìre seo, thèid leudachadh air an eòlas  air an tràth teachdail den ghnìomhair ‘bith’ agus na structairean ùra a chaidh ainmeachadh ann an Gàidhlig Ìre 3.  Gheibhear beagan ionnsachadh air structairean ginideach, an tràth caithte den ghnìomhair ‘bith’ agus structairean a tha a’ mìneachadh choimeas.   Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2 (8-9)
SCQF 5 SQA Ìre Choitcheann: Creideis

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578