Gàidhlig Ìre 7
BHO: 30 Màrt 2020GU: 03 Giblean 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**
‘S ann do dh’adhartaich sa chànan aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.
Tha an ìre seo ag amas air:
- Eòlas a chur air an tràth theachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
- Eòlas a chur air structar leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
- Eòlas a chur air an roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structaran ‘nam/nad’ a chruthachadh.
- Leasachadh eòlas air briathrachas ùr a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman air sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 1) A’ chiad bliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7 SAQ: Gàidhlig àrd-ìre (fileantaich) & Gàidhlig sàr àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)