Skip to content

Turas a’ “Hector” le Iain Somerville: 01 an Lùnastal 2022

BHO: 01 Lùnastal 2022
GU: 05 Lùnastal 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Ann an 1773, dh’fhàg 207 neach, a mhòr chuid air an cur às na dachaighean aca sna Fuadaichean, air an long Hector, is iad a’ dèanamh air Pictou ann an Alba Nuadh. Cha do ràinig ach 189 dhiubh, às dèidh bhòidse a bha grunn sheachdainean na b’ fhaide na bhathar a’ sùileachadh.  B’ e slighe dràmadach is làn fulangais a bh’ ann, ach cuideachd tè a bha làn dòchais is treise spioraid.

Ann an 2014, thug Fèis Rois agus Alba Cruthachail barantas do dh’Iain Somerville gus ceòl a sgrìobhadh mu eachdraidh an turais.  Chaidh am pìos-ciùil seo a thaisbeanadh aig Iomall Fèis Dhùn Èideann, Celtic Connections, Celtic Colours ann an Canada agus aig Fèis Cheilteach Nàiseanta Astràilia.

Bidh an cùrsa seo na sheachdain de cho-obrachadh mar bhuidheann gus ceòl a chruthachadh co-cheangailte ris an suite seo anns a bheil ochd gluasadan: “Voyage of the Hector”. Tron t‑seachdain gheibh sibh cothrom brosnachail an suite seo a chluich fo stiùireadh Iain Somerville fhèin, is ionnsachadh mu eachdraidh ‘s co-theacs an turais, agus mun fheadhainn a bha air an luing.  Bidh ceòl ann dha na h-ionnsramaidean-ciùil traidiseanta uile, agus do luchd-ciùil aig ìre eadar-mheadhanach is nas àirde. Bhiodh e math nam b’ urrainnte ceòl, a leughadh air a’ chiad shealladh.

Mu Iain

Tha Iain, à Abriachan faisg air Loch Nis, air aithneachadh a-nis mar aon de phrìomh luchd-ciùil a’ bhogsa ann an Alba, is e air sgrìobhadh airson is air cluich còmhla ri cuid de na còmhlanan as ainmeile san dùthaich, nam measg-san Treacherous Orchestra, Croft Number Five, agus Box Club.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578