Skip to content

Ceòl-taice don Phiàno air Loidhne

BHO: August 10, 2020
GU: August 12, 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì latha (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì chlasaichean air Zoom gach latha aig 10.00 – 11.00, 11.30 – 12.30 agus 13.30 – 14.30.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas. Glèidh àite an-dràsta!

Tha Ingrid NicEanraig, a chaidh a thogail le ceòl nan Garbh-Chrìochan, air aon den luchd-chiùil as fheàrr ann an Alba. Tha sgilean sònraichte aice ann an ceòl taic, eagrachadh agus stiùireadh agus tha fèill mhòr air Ingrid mar oide agus neach-ciùil. Bidh Ingrid a’ teagasg cùrsa sònraichte, trì latha, air loidhne, air ceòl taic a’ phiàna le Sabhal Mòr Ostaig. Bithear a’ dol thairis air stòras an neach fhèin ach bidh an cùrsa ag amas gu sònraichte air cruthachadh ceòl taic airson iomadh port is òran Gàidhlig agus ciamar as urrainnear com-pàirteachadh le luchd-ciùil is seinneadairean eile le misneachd. Feumaidh oileanaich am meur-chlàr aca fhèin a thoirt leotha agus beagan eòlais air a’ phiàna a bhith aca mar-thà. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ingrid is a cuid chiùil, briogaibh an seo. http://oldlaundryproductions.com/ingrid.htm

/*
*/