Skip to content

Cànan nar Coimhearsnachd, le Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach

BHO: 07 Lùnastal 2023
GU: 11 Lùnastal 2023
COSGAIS: £295
COSGAIS (OILEANAICH): £210
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Ailig Bhalois**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnichibh mun liosta-feitheimh**

’S e cùrsa còmhraidh a tha seo a tha airson cothrom a thoirt do dh’oileanaich a tha gu ìre mhath fileanta sa Ghàidhlig mar-thà an cuid Gàidhlig a leasachadh, an dà chuid taobh a-muigh is a-staigh an t-seòmair-theagaisg, agus a bhith ga cur gu feum ann an còmhraidhean làitheil sa choimhearsnachd Ghàidhlig san sgìre mu thimcheall air Sabhal Mòr Ostaig fhèin. Gheibh oileanaich cothrom spòrsail an cuid Gàidhlig a chleachdadh fad na seachdaine.

Thèid an cùrsa a stiùireadh le Ailig Bhaltois Dòmhnallach. Buinidh Ailig don Eilean Sgitheanach agus tha a’ Ghàidhlig aige on ghlùin. Tha Ailig air a bhith an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre fad iomadh bliadhna. Tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba, a leithid Ceòlas agus air feadh an t-saoghail, ann an Canada, na Stàitean Aonaichte is a’ Ghearmailt. Bhiodh sibh air Ailig a chluinntinn air BBC Rèidio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.

Tha sinn an dùil gun tig sibh don t-Sabhal is sibh deiseil is deònach a’ Ghàidhlig a chleachdadh fad an t-siubhail le misneachd, is sinn a’ cumail taic ri càch a chèile gus an tog sibh ur sgilean cànain còmhla ri chèile.

Thèid clasaichean cànain a’ chùrsa a chumail san t-Sabhal Mhòr fhèin far am bi bùithtean-obrach a nì sgrùdadh air gnàthasan-cainnte, dualchainntean is briathrachas cultair dùthchasach, cho math ri cuairtean is cèilidhean air daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig a tha fuireach anns an sgìre.

Thathar a’ moladh gu mòr gun toir sibh leibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach do dhroch shìde gu h-àraid airson coiseachd taobh a-muigh is sibh air chuairt.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF

  • An Cùrsa Adhartais
  • Ìre 8, Ìre 9 is Ìre 10 nan Cùrsaichean Goirid
  • Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil sibh cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt oirbhse, na biodh leisg oirbh idir fòn no post-d a chur thugainn.

Clàr-ama an t-seachdain:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578