Skip to content

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh: 21 an Lùnastal 2023

BHO: 21 Lùnastal 2023
GU: 25 Lùnastal 2023
COSGAIS: £310
COSGAIS (OILEANAICH): £220
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, bidh Urras Ionad Thròndairnis a’ cur an cùrsa seo air dòigh. Bidh an cùrsa a’ còrdadh gu mòr ri daoine, le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach.

Bidh an cùrsa ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air neo adhartach (m.e., SMO ìre 6 no nas àirde), a tha airson an sgilean labhairt a leasachadh agus eòlas air cultar dùthchasach a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruighinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite. Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann a tuath an Eilein.

Thèid clasaichean cànain a’ chùrsa a chumail ann an Columba 1400 far am bi bùithtean-obrach cànain a bhios a’ meòrachadh air gnàthsan-cainnte agus dualchainnte, ainmean-àite agus briathrachas cultar dùthchasach na sgìre.

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dinnear gach oidhche bho Dhiluain gu Diardaoin.

Fios frithealaidh agus Clàr-ama

Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich Flòdaigearraidh a ruighinn feasgar na Sàbaid mus tòisich an cùrsa.  Bidh an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 13.00 feasgar Dihaoine. Cha bhi ach corra àite ri fhaighinn air a’ chùrsa, is mar sin tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh àite air a chùrsa an-dràsta!

Àite-fuirich

Tha àite-fuirich ri fhaighinn aig “Ostail Dùn Fhlòdaigearraidh” 01470 552212, https://flodigarry-hostel.scot/.

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile.  Dèanaibh iomradh air a’ chùrsa nuair a bhios sibh a’ bruidhinn riutha:

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile.  Dèanaibh iomradh air a’ chùrsa nuair a bhios sibh a’ bruidhinn riutha:

  • Anne MacLeod, Ben View, Clachan – 01470 562319 – available through Booking.com
  • Joan Beaton 4, Flodigarry – 01470 552308

Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:

Aodach 

Thathar a’ moladh gu mòr gun toir sibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.

Eòlas ro làimh

Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad.  Airson barrachd fios, cuiribh fòn no post-d gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 246 air neo post-d: 

 

An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, bidh Urras Ionad Thròndairnis a’ cur an cùrsa seo air dòigh ann an 2022.  Bidh an cùrsa a’ còrdadh gu mòr ri daoine, le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach.

Flòdaigearraidh3web
Flòdaigearraidh2web

Bidh an cùrsa ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air neo adhartach (m.e., SMO ìre 6 no nas àirde), a tha airson an sgilean labhairt a leasachadh agus eòlas air cultar dùthchasach a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruighinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite.  Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann a tuath an Eilein.

Flòdaigearraidh1web

Thèid clasaichean cànain a’ chùrsa a chumail ann an Columba 1400 far am bi bùithtean-obrach cànain a bhios a’ meòrachadh air gnàthsan-cainnte agus dualchainnte, ainmean-àite agus briathrachas cultar dùthchasach na sgìre.

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dinnear, air a dheasachadh le mnathan Fhlòdaigearraidh gach oidhche bho Dhiluain gu Diardaoin.

Fios frithealaidh agus Clàr-ama

Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich Flòdaigearraidh a ruighinn feasgar na Sàbaid mus tòisich an cùrsa.  Bidh fàilteachadh goirid neo-fhoirmeil feasgar na Sàbaid airson 19.30 le teatha is cofaidh is fiosrachadh bho mhuinntir na sgìre.  Bidh an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 13.00 feasgar Dihaoine. Cha bhi ach corra àite ri fhaighinn air a’ chùrsa, is mar sin tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh àite air a chùrsa an-dràsta!

Àite-fuirich

Tha àite-fuirich ri fhaighinn aig “Ostail Dùn Fhlòdaigearraidh” 01470 552212, https://flodigarry-hostel.scot/.

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile.  Dèanaibh iomradh air a’ chùrsa nuair a bhios sibh a’ bruidhinn riutha:

  • Margo MacPherson, 10 Flodigarry – 01470 552225
  • Anne MacLeod, Ben View, Clachan – 01470 562319 – ri fhaighinn tro Booking.com
  • Norma Nicolson, 6 Flodigarry – 01470 552309

Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:

  • Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg – 01470 562388 (s/c flat)
  • Peggy Scott-Moncrieff, Seascape, Flodigarry – 01470 552233 (s/c chalet) (Book through http://www.cottages.com)
  • Joanna MacLeod, 10 Clachan – 01470 562434 (s/c chalet)
  • Shulista Croft Wigwams, 3 North Duntulm – 01470 552314 ()
  • The Old Crofthouse, 22 Garafad IV51 9JX – (Book through Sykes Holiday Cottages)
  • Staffin Campsite, Grenicle, Staffin – 01470 562213 http://www.staffincampsite.co.uk
  • Mr and Mrs Munro, 8 Hungladder, Kilmuir – 01470 552331
  • Flodigarry Pods – 01470 552308 https://flodigarry-pods.uk

Aodach 

Thathar a’ moladh gu mòr gun toir sibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.

Eòlas ro làimh

Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad.  Airson barrachd fios, cuiribh fòn no post-d gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 246 air neo post-d: 

Riaghailtean Covid

Bithibh mothachail gum bi sinn a’ leantainn nan riaghailtean Covid fad na h-uine, agus bu dòcha gum feumar am fios seo atharrachadh a rèir nan riaghailtean.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/