Skip to content

Sgilean Stiùidio – Riochdachadh Cruthachail le Hector MacInnes

BHO: 08 Iuchar 2019
GU: 12 Iuchar 2019
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Anns a’ chùrsa seo bi sibh gu mòr an sàs ann an stiùidio sònraichte na colaiste, a’ coimhead air na diofar dòighean a bhios ceòl agus fuaim ag obair. Bidh sibh a’ coimhead air ciamar a nì sibh clàradh orra agus ciamar a chleachdas sibh iad gu chruthachail ann an ceòl, ealain co-aoiseach, tagh-cluiche agus bathar dealbhachaidh.     

Cuiridh sibh eòlas air mar a tha stiùidio-clàraidh didseatach an latha an-diugh agus togaidh sibh sgilean bunasach ann a bhith a’ clàradh, a’ cruthachadh, a’ deasachadh is a’ measgachadh ciùil is fuaim. Gheibh sibh cothrom feuchainn ri fear de na diofar sheòrsaichean de dh’fhuaim a riochdachadh, eadar ceòl, dràma rèidio no ealain fuaim.

’S e Hector MacInnes a bhios gur stiùireadh air an turas agaibh tro riochdachadh-ciùil, neach a tha air obrachadh cuide ri còmhlain de gach seòrsa, eadar Dàimh agus Mylo, mar innleadair, riochdaire is neach-ciùil, agus a tha cuideachd air a bhith aig an stiùir air caochladh diofar phròiseactan rèidio, ealan-fuaime is pod-chraolaidh.

Chan fheum eòlas a bhith agaibh ro-làimh.

Chan eil beàrnan ann ach airson 8ar – glèidhibh àite air a’ chùrsa an-dràst!

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578