Skip to content

Ainmean-Àite na h-Alba

BHO: 12 Lùnastal 2024
GU: 16 Lùnastal 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Maps and books on place-names of Scotland

Bidh an cùrsa seo air a theagasg sa Bheurla; chan fheumar eòlas sam bith air Gàidhlig no cànanachas. Tha e a’ tabhann cothrom gus ionnsachadh mun dàimh eadar cànan agus àite, cultar agus cruth-tìre. Chòrdadh an cùrsa ri neach sam bith le ùidh ann an cruth-tìre, cànan is cultar na h-Alba.

Bidh na cuspairean a’ gabhail a-steach:

  • Diofar chànanan na h-Alba agus a’ bhuaidh a th’ aca air ainmean-àite: Lochlannais, Cruithnis, Beurla/Albais agus Gàidhlig.
  • Mar a bhios ainmean-àite ag obrachadh bho shealladh cànanachais: mar a tha iad air an cruthachadh, agus mar a dh’atharraicheas iad thairis air ùine.
  • Eileamaidean Gàidhlig a’ tuairisgeulachadh bheanntan, aibhnichean agus tuineachadh agus mar a tha iad a’ nochdadh sa chruth-tìre agus air mapaichean.
  • An dreuchd a th’ aig ainmean-àite am broinn beul-aithris na Gàidhlig an coimeas ri sgeulachdan is abairtean.
  • Mar a nì sibh fhèin rannsachadh air ainmean-àite, a’ gabhail a-steach obair-raoin, rannsachadh tasglannan agus mion-sgrùdadh cànanach.
  • Fuaimneachadh bunaiteach na Gàidhlig.

Bidh na seiseanan air an ruith le taisbeanaidhean neo-fhoirmeil le cothroman deasbaid gan leantainn. Bidh far-sheiseanan ann cuideachd, gus dlùth-shùil a thoirt air eisimpleirean sònraichte.

A rèir na h-aimsire, bidh cuairt coiseachd a’ gabhail àite timcheall làrach na Colaiste gus cuid de na cuspairean a dhealbhadh.

Mu Jacob agus Eilidh

’S e com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba a th’ ann an Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) leis an neach-rannsachaidh an Dr Jacob King mar phrìomh oide, le taic bho Eilidh Sgaimeal, Manaidsear Pròiseict AÀA.

’S e ùghdar a th’ anns an Dr Jacob King cuideachd, is e air sgrìobhadh iomadh artaigeal a’ gabhail a-steach colbh mu ainmean-àite Gàidhlig san Albannach; tha e cuideachd na cho-ùghdar den sreath ‘A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre’ le NatureScot. Ann an 2019 dh’fhoillsich e Scottish Gaelic Place-names: The Collected Works of Charles M. Robertson. Bha an leabhar The A-Z of Whisky Place-names ga chur air bhog an-uiridh.

Tha Eilidh Sgaimeal na ceumnaiche den chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig agus Gàidhlig aice bho thùs. ’S ann à Inbhir Nis a tha i, ach a-nis a’ fuireach ann an Ranna Ghall-Ghàidhealaibh faisg air an t-Sròn Reamhair, sgìre luma làn ainmean-àite Gàidhlig. Tha i air an rannsachadh airson an t-sreath ‘A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre’ aig NatureScot a stiùireadh, a’ gabhail a-steach trèanadh luchd-raoin agus cruinneachadh is deasachadh na h-obrach-raoin.

Clàr-ama an t-seachdain:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578