Ealain ann an Àrainneachd Ghàidhlig le Sharon Cooper: 31 Iuchar 2023
BHO: 31 Iuchar 2023GU: 04 Lùnastal 2023
COSGAIS: £305
COSGAIS (OILEANAICH): £230
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Ealain ann an Àrainneachd Ghàidhlig
Air a’ chùrsa seo, bidh thu ag obair a-muigh (cho tric ‘s a ‘s urrainn), a’ coimhead air an àrainneachd bhrèagha, timcheall làrach Shabhal Mòr Ostaig.
Le diofar pròiseact gach latha, bidh thu ag obair ann an leabhar-sgeidse ann an iomadh dòigh le diofar seòrsa acainn ealain – charcoal, dath-uisge, collage, priont. Bheir sinn dhut na stuthan ealain air fad a dh’fheumas tu mar phàirt den chùrsa.
Bidh Sharon a’ brosnachadh ur cuid Ghàidhlig gach latha, ach ’s urrainn dhut Beurla a chleachdadh cuideachd.
Mu Sharon
Le ùidh anns an àrainneachd nàdarra agus cultar is cànan na Gàidhlig, ‘s toil le Sharon obair le stuthan a tha i a’ lorg ann an dòighean diofraichte, a’ dèanamh dhealbhan-tìre, collage, phriontaichean agus obair a tha ceangailte ri nàdar. Tha Sharon a’ teagasg oileanaich a tha ag iarraidh iarrtas a chur a-steach do sgoiltean-ealain ann an Glaschu.
Clàr-ama an t-seachdain:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f