Iòga sa Ghàidhlig Air-loidhne – Foghar / Geamhradh 2022
BHO: 22 Samhain 2022GU: 15 Dùbhlachd 2022
COSGAIS: £20
COSGAIS (OILEANAICH): £20
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
A bheil thu ag ionnsachadh na Gàidhlig tro Duolingo? Cuir na faclan ùra seo gu feum! Bheir Janni sibh tro shìneadh agus eacarsaich dha do cheann ‘s dha do bhodhaig, le faclan is abairtean sìmplidh, beag air bheag.
Bidh clasaichean ann feasgar Dimàirt 20:00–20:30 agus madainn Diardaoin 08:00–08:30 eadar 22 Samhain 2022 agus 15 Dùbhlachd 2022.
Anns a’ chlas eacarsaich aotrom seo, bidh sinn a’ dèanamh measgachadh de dh’iòga agus Pilates gus ar corp a shìneadh agus a neartachadh ann an dòigh fhallain. Bidh seo dà-chànanach, freagarrach do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig le Duolingo. Cuir ort aodach cofhurtail sùbailte, thoir dhìot do bhrògan is stocainnean agus cleachd mat iòga no brat ùrlair. Ma tha tinneasan sam bith agad, dèan cinnteach gu bheil an dotair agad ag aontachadh gum biodh iòga math dhut.
Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, an sàs an com-pàirteachas le Duolingo airson an cùrsa aca ann an Gàidhlig na h-Alba a lìbhrigeadh, a tha air còrr is 1.1 millean neach-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail a thàladh mar-thà.