Skip to content
Picture of staff member

Muireall Urchardan

Òraidiche

0471 888 264

Tuairisgeul pearsanta

Tha Muireall a’ teagasg air a’ Chùrsa Chomais aig an t-Sabhal, agus air-loidhne air a’ Chùrsa Inntrigidh agus a’ Chùrsa Adhartais.

Rugadh is thogadh i ann am baile Ghriais air taobh an ear Eilean Leòdhais, agus cha robh Beurla aice mus deach i dhan sgoil.

Rinn i suas a h-inntinn aig aois gu math òg a bhith na tidsear, agus às dèidh dhi ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Cruinn-eòlas ann an Oilthigh Obar Dheathain, rinn i teagasg aig Cnoc Iòrdain.

Gus an tàinig i dhan t-Sabhal Mhòr o chionn 14 bliadhna, bha Muireall air a bhith na preseantair air Radio nan Gàidheal agus ag aithris air a’ phrògram naidheachd Telefios aig Grampian TV.

Tha Muireall fhathast a’ craoladh agus cluinnidh tu i air Radio nan Gàidheal a’ lìbhrigeadh Na Dùrachdan air oidhche Haoine bho àm gu àm.

Fios a bharrachd

Tha Muireall an sàs ann an craoladh Gàidhlig agus sgrìobh i na leasain fuaimneachaidh airson a’ phrògram Beag air Bheag

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578