Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

An Cùrsa Inntrigidh

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Mun a' Chùrsa

Tha an Cùrsa Inntrigidh na chùrsa Gàidhlig aig astar airson luchd-ionnsachaidh a th' aig an fhìor thoiseach, no aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà. Tha e stèidhichte air leasachadh sgilean labhairt is èisteachd ach nithear leasachadh air sgilean leughaidh is sgrìobhaidh cuideachd.

Gheibhear sgrìobhainnean a' chùrsa air loidhne, 's e sin leabhraichean-obrach, faidhleachan èisteachd (no CDan) agus leabhraichean teagaisg. Nithear fèin-ionnsachadh anns a' mhòr chuid dhen chùrsa làmh ri clasaichean-fòn gach seachdain ach am faigh na h-oileanaich is tidsearan eòlas fhaighinn air a chèile agus cothrom an cuid Gàidhlig a chleachdadh. Gheibhear cothroman cleachdaidh a bharrachd anns na sgoiltean deireadh-seachdain roghainneil a tha mar bu trice air an cumail aig an t-Sabhal Mhòr.

Bu chòir tomhas math den Ghàidhlig a bhith aig an oileanach an dèidh crìoch a chur air a' chùrsa agus an làn com-pàirteachais a ghabhail ann agus an sin faodar iarrtas a chur a-steach airson na ciad bliadhna de na cùrsaichean oilthigh aig an t-Sabhal Mhòr.

Choisinn an Cùrsa Inntrigidh Duais Cànain Eòrpach CILT ann an 2004 agus Duais Routledge airson Luchd Ionnsachaidh a tha nan Inbhich mar thoradh air obair ionmholta airson dàrna cànan a theagasg aig astar.

Leabhar-laimh nan Oileanaich

Sùsbaint a' Chùrsa

'S e cùrsa fèin-ionnsachadh air astar do luchd-tòiseachadh na Gàidhlig a th' anns a' Chùrsa Inntrigidh, le taic bho luchd-teagaisg. Tha trì earrainnean ann. Tha taghadh de chinn-là tòiseachaidh ann gach bliadhna eadar an Lùnastal agus an t-Ògmhios.
 

Ag ionnsachadh agus clasaichean taic

Gheibhear goireasan a' chùrsa air-loidhne agus nam measg tha leabhraichean-obrach, faidhleachan-fuaim (no CDan) agus leabhraichean-obrach a tha nam pàirtean de chùrsa a chaidh a dhealbhadh gu faiceallach. Bidh na h-oileanaich a' dèanamh a' mhòr-chuid den ionnsachadh san ùine aca fhèin ro cho-labhairt fòn a thèid a chumail gach seachdain le oileanaich eile a' chùrsa agus neach-oide. Tha na co-labhairtean fòn nam pàirtean cudromach den chùrsa agus iad air an stiùireadh le oidean a tha eòlach agus barrantaichte. Mairidh gach co-labhairt mu 45 mionaid.

Èist ri eacarsaich bhon chùrsa an seo
 

Teisteanais crìochnachaidh

Airson teisteanas fhaighinn, feumaidh oileanaich, airson gach pàirt den chùrsa, a bhith soirbheachail leis na measaidhean aca agus feumaidh iad 60% den cho-labhairtean fòn a fhrithealadh.
 

Measaidhean

Tha measaidhean mar phàirt chudromach den ionnsachadh agus gheibhear iad aig deireadh gach earrainn den chùrsa. Thoir sùil air leabhar-làimhe a' chùrsa gu h-àrd airson barrachd fios.

Nuair a tha iad air crìoch shoirbheachail a chur air a' chùrsa faodaidh oileanaich, an dèidh agallamh-fòn, àite fhaighinn air a' Chùrsa Chomais no leantainn orra don Chùrsa Adhartais.
 

Ionnsachadh a bharrachd

Ma tha iarrtas ann air a son, thèid sgoil deireadh-seachdain a chumail airson gach pàirt dhen chùrsa. Tha iad roghainneil agus tha iad a' toirt cothrom do dh'oileanaich na dh'ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh. Airson barrachd fios air sgoiltean deireadh-seachdain cliog air an putan Sgoiltean D.S gu h-àrd.

Tha stuthan ionnsachaidh a bharrachd a chaidh a dhealbh airson a' chùrsa ri fhaotainn. 'S urrainn do dh'oileanaich cuideachd conaltradh a chumail ri oileanaich eile le bhith a' cleachdadh a' bhùird-chòmhraidh.

 

Inntrigeadh

Cothrom air fòn agus coimpiutar a chleachdadh. Faic riatanasan coimpiutaireachd

Cìsean is Maoineachadh

 

Cosgaisean 2012-13

Oileanaich Alba  
An Cùrsa Inntrigidh: 3 earranan £250 gach earrann
   
Oileanaich AE  
An Cùrsa Inntrigidh: 3 earranan £300 gach earrann
   
Oileanaich RA agus Eadar-nàiseanta  
An Cùrsa Inntrigidh: 3 earranan £300 gach earrann

 

 Faodar faidhleachan èisteachd a lùghdachadh a-nuas mar phàirt den chùrsa no 's urrainnear CDan a cheannach aig £25, gach pàirt.

'S e an t-oileanach a phàigheas na cosgaisean airson fòn a chur don t-Sabhal Mhòr a h-uile seachdain airson a' chlas-fòn.
 

Taic mhaoineachaidh
 

Gheibh cuid a dh'oileanaich an Alba taic airgid luach £200 sa bhliadhna airson cìsean a' chùrsa an lùib sgeama Cunntas Ionnsachaidh Pearsanta (ILA) aig Riaghaltas na h-Alba. Tha an Cùrsa Inntrigidh clàraichte airson taic bhon sgeama seo. Bu chòir do dh'oileanaich fios a chur gu ILA Alba aig 0800 100 1090 no www.ilascotland.org.uk airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson faighinn a-mach am faighear taic.

Ma tha oileanach den bheachd gum bi duilgheadas ag èirigh ri linn pàigheadh cìsean a' chùrsa bu chòir fios a leigeil do sgioba rianachd na Colaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig daonnan deònach feuchainn ri fuasgladh a rèiteachadh.

Slighean Adhartais

Bidh oileanaich a tha air crìoch a chur air a' Chùrsa Inntrigidh gu soirbheachail o cionn ghoirid a' faighinn cothrom An Cùrsa Adhartais a dhèanamh.

A' cur a-steach

Bruth an seo airson am foim iarrtais a chur thugainn.

Ma tha ceist sam bith agad nach cuir thu fios do sgioba rianachd Foghlam aig Astar air 01471 888 449 no cuir am foirm gu h-àrd thugainn.

Clàran-ama

Tha caochladh latha-tòiseachaidh ann airson gach earrainn den chùrsa eadar an Lùnastal agus an t-Ògmhios gach bliadhna. Faodaidh thu iad seo a dhèanamh tron a' Bhann Choitchinn neo a' Bhann luath. Tha a' Bhann a tha thu a' taghadh an eisimeil air d' eòlais air Gàidhlig, air d' eòlais cànan ionnsachadh agus an ùine saor a th' agad gus cuir an gnìomh gach seachdain den chùrsa. Airson gach seachdain den a' Bhann Choitchinn, tha an ùine a tha air a chuir seachad ag ionnsachadh measte aig 8-10 uairean a h-shìde agus airson a' Bhann luath 10-12 uairean a h-shìde.
 

Faic an seo mar a bhios gach earrann a ruith gach bliadhna agus gu h-ìosail airson gach clàr-ama fa-leth.

PDF Icon Clàr Lìbhrigidh


Gheibhear clàran-ama is cinn-latha nam measaidhean gu h-ìosal.
 

Clàran-ama a' Bhann Luath


PDF Icon Bann Luath Earrann 1, 2 & 3 2012-13
 

Clàran-ama a'Bhann Choitcheann


PDF Icon Bann Coitcheann Earrann 1 agus 2 - An t-Sultain 2012 - An t-Ògmhios 2013

PDF Icon  Bann Coitcheann Earrann 2 agus 3 An t-Sultain 2011_-_An t-Ogmhios 2012

PDF Icon Bann Coitcheann Earrann 3 - An t-Sultain 2012 – Am Faoilleach 2013

PDF Icon Bann Coitcheann Earrann 1, An Gearran - an t-Ògmhios 2013


 

Uairean nan clasaichean

Gheibhear roghainn uairean nan clasaichean ron t-Seachdain Inntrigidh agus thèid gach uair clas a dhearbhadh san t-Seachdain Inntrigidh. Bidh caochladh uairean eadar Diluain is Dihaoine ri fhaotainn agus cumaidh oileanaich an aon uair teagaisg airson gach pàirt den chùrsa.
 

Ullachadh agus Inntrigeadh don Chùrsa

Bidh seachdain inntrigidh air-loidhne ann ceala-deug ro thoiseach a' chùrsa airson oileanaich a tha clàraichte ach an dèan iad cinnteach gu bheil fios aca air a' chùrsa gu practaigeach is gu teignigeach, agus airson eòlas fhaighinn air na h-oileanaich eile.

Bidh seachdain ullachaidh ann seachdain ro thoiseach a' chùrsa ach am faigh na h-oileanaich an cothrom clas fòn a dhèanamh aig an uair àbhaisteach còmhla ris na h-oileanaich eile is an neach-oide, agus airson an obair-chùrsa a chur air chois.
 

Saor-làithean

Bidh Sabhal Mòr Ostaig dùinte aig àm na Nollaig is na Bliadhn' Ùire. Agus bidh saor-làithean an t-Samhraidh ann do dh'oileanaich aig astar agus seachdain san Dàmhair is aig àm na Càisge. Cha bhi saor-làithean eile air a' chlàr-ama.
 

Cinn-latha mu dheireadh airson clàradh

Tha cinn-latha mu dheireadh ann ach am faigh luchd-obrach an t-Sabhail cothrom crìoch a chur air clàradh, àireamhan oileanaich, agus airson uairean teagaisg a rèiteachadh airson nan Seachdainean Ullachaidh is Inntrigidh.

Sgoiltean deireadh-seachdain

Thèid sgoil deireadh-seachdain dà latha a chumail airson gach pàirt dhen chùrsa airson oileanaich a tha clàraichte air a' Chùrsa Inntrigidh agus a-rèir an ùidh. Tha iad roghainneil is iad a' toirt cothrom do dh'oileanaich na dh'€™ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh, agus cothrom coinneachadh ri oileanaich eile is oidean. Bu chòir do dh'oileanach iarrtas a chur a-steach cho luath 's a ghabhas.

Clàr-ama

Disathairne 9.45m gu 4.45f agus Didòmhnaich 9.30m gu 1.30f (ma dh'fhaoidte gun tèid seo atharrachadh).
 

Cosgaisean

Tha a' phrìs airson sgoil deireadh-seachdain a' gabhail a-staigh àite-fuirich aig a' Cholaiste, ma tha sin a dhìth, agus biadh. Chan eil cosgaisean-teagaisg ann idir.
 

Àite-fuirich

Airson àite-fuirich ionadail cliog an seo no thoir sùil air www.visitscotland.com. Airson àite-fuirich aig a' Cholaiste thoir sùil air an fhiosrachadh gu h-ìosal.
 

A' siubhail dhan Cholaiste

Bruth an seo airson fios air siubhal gu Sabhal Mòr agus Mapa na Colaiste

 

An Leabharlann

Mar as trice, bidh Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig, fosgailte nuair a bhios sgoiltean deireadh-seachdain a’ ruith.

Airson àite a ghleidheadh aig sgoil deireadh-seachdain, thoir sùil air na leanas:

'S ann aig Sabhal Mòr Ostaig is a tha còir sgoiltean deireadh-seachdain atharrachadh no a chur dheth. Feumaidh tu àite aig gach sgoil deireadh-seachdain fa leth a ghleidheadh is a phàigheadh.

Ma tha ceistean sam bith agad mu àiteachan-fuirich na Colaiste, cuir post-dealain gu luchd-obrach Foghlam Air Astar air astar@smo.uhi.ac.uk

Ma tha ceistean sam bith agad mu sgoil deireadh-seachdain, cuir post-dealain gu luchd-obrach Foghlam Air Astar air astar@smo.uhi.ac.uk