An t-slighe air adhart
Seiminear Shabhal Mòr Ostaig ann an co-bhonn le Oilthigh Dhùn Èideann agus Obar Dheathain mun Ghàidhlig san àm ri teachd
Cathraiche: An Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig
Pannal: Art MacCarmaig, Michelle NicLeòid, Stiùbhart Dunmore, Ciorstaidh NicDhùghaill, Wilson MacLeòid, Agnes Rennie, Fiona Dunn, Dòmhnall MacGilleMhoire, Dòmhnall MacNèill agus Ailean Caimbeul.
Bithear a’ beachdachadh air na cuspairean cudromach a leanas:
- Dè tha ag obair ann an iomairt na Gàidhlig an-dràsta, agus ciamar a thèid togail air an t-soirbheas seo anns an àm ri teachd?
- Ciamar a thig sinn còmhla gus na diofar choimhearsnachdan Gàidhlig againn uile a neartachadh?
- Ciamar a thogas sinn iomairt airson na Gàidhlig a bhios an dà chuid fosgailte agus eugsamhail?
Cuin?
Dihaoine, 14 Faoilleach 2022
10:00 – 13:00 GMT
Càite?
Air-loidhne
Airson àite a ghleidheadh?
Faodaidh tu àite a ghleidheadh airson an tachartas (an-asgaidh) seo air Eventbrite le bhith bruthadh an seo.

