Sabhal Mòr Ostaig ann an com-pàirteachas ùr le Duolingo
Còrr is millean neach ag ionnsachadh na Gàidhlig tro Duolingo.
Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air a dhol an sàs an com-pàirteachas le Duolingo airson an cùrsa aca ann an Gàidhlig na h-Alba a lìbhrigeadh, a tha air còrr is 1.1 millean neach-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail a thàladh mar-thà.
Tha an naidheachd gu bheil an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig air leasachadh a’ chùrsa a ghabhail thairis a’ tighinn rè Seachdain na Gàidhlig.
Bidh an aon bhuidheann a tha air a bhith ag obair air a’ chùrsa gu saor-thoileach on a chaidh a chur air bhog ann an 2019 a-nis a’ leasachadh a’ chùrsa an lùib sgioba an t-Sabhail Mhòir.
An-diugh, tha 37% de na daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air Duolingo anns na Stàitean Aonaichte, 25% anns an Rìoghachd Aonaichte agus 6% ann an Canada, agus an còrr sgapte air feadh an t-saoghail. B’ e ‘Cultar’ am prìomh adhbhar ionnsachaidh, agus 40% den luchd-ionnsachaidh a’ taghadh seo, is an uair sin ‘Trèanadh Eanchainn’ aig 18%, agus an dà chuid ‘Teaghlach’ is ‘Sgoil’ aig 12%.
Thuirt An Dtr Gillian Rothach, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig:
“Tha an com-pàirteachas brosnachail ùr seo a’ toirt deagh chothrom dhuinn an t-susbaint Ghàidhlig aig Duolingo a cho-thaobhadh ris na cùrsaichean Gàidhlig againn fhèin aig Sabhal Mòr Ostaig.
“Tha soirbheachas Gàidhlig na h-Alba air Duolingo a’ nochdadh an iarrtais a tha a’ sìor fhàs airson Gàidhlig ionnsachadh an dà chuid ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, agus tha an luchd-obrach saor-thoileach rim moladh airson an cuid obrach dìcheallaich ann a bhith a’ leasachadh cùrsa air leth – ceud mìle taing dhuibh.”
Bha Manaidsear Ionnsachaidh Inbhich an t-Sabhail Mhòir, Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, ag obair gu saor-thoileach air a’ chùrsa Gàidhlig aig Duolingo cuideachd. Thuirt esan:
“’S e goireas ionnsachaidh air leth a th’ ann an Duolingo airson luchd-ionnsachaidh ùr a thàladh, agus airson daoine a bh’ air tòiseachadh air ionnsachadh mar-thà a chuideachadh, a bharrachd air luchd-labhairt nach robh ga bruidhinn tuilleadh. Tha fadachd orm fhèin a bhith a’ leasachadh cùrsa Duolingo fhad is a tha sinn a’ brosnachadh chothroman ionnsachaidh eile airson coimhearsnachd Duolingo na Gàidhlig.”
Tha Colin Watkins, Manaidsear Dùthchail na Rìoghachd Aonaichte aig Duolingo, ag ràdh:
“Bha e cudromach dhuinn, agus àireamh luchd-cleachdaidh a’ chùrsa Ghàidhlig a’ dol am meud, gum faigheamaid an com-pàirtiche as fhreagarraiche airson leasachadh a’ chùrsa a thoirt air adhart. Agus cha b’ urrainn dhan chom-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a bhith na bu fhreagarraiche.
Tha sinne gu mòr den bharail gun lean an cùrsa air a’ dol am feabhas fo stiùir Shabhal Mòr Ostaig, agus a’ chiad sgioba leasachaidh air a’ chùrsa ag obair cuide riutha fo sgèith an t-Sabhail.”
Thòisich An Dtr Mark Maudsley air Duolingo a chleachdadh ann an 2019 gus taic a thoirt dha le a chuid ionnsachaidh air a’ Ghàidhlig nuair a bha e a’ dèanamh A’ Chùrsa Inntrigidh, cùrsa Gàidhlig air astar aig Sabhal Mòr Ostaig do luchd-tòiseachaidh, bho dhachaigh ann an Sealtainn. An dèidh sin, ghabh e bliadhna far obair mar dhotair gus tighinn a dh’ionnsachadh air cùrsa bogaidh an t-Sabhail Mhòir, An Cùrsa Comais.
Thuirt Mark: “Bha Duolingo gu math feumail dhomh nuair a bha mi ag ionnsachadh air astar ann an Sealtainn. Bhithinn ag ionnsachadh mu bhriathrachas agus gràmar gach latha air Duolingo agus thàinig piseach air mo chuid Ghàidhlig na bu luaithe air sgàth sin. Bha streak dà bhliadhna agam! Tha mi air cùrsa bogaidh làn-ùine a-nis (An Cùrsa Comais), agus tha mi a’ cleachdadh mo chuid Ghàidhlig a h-uile latha. Bha Duolingo na chuideachadh mòr is mi ag ullachadh airson a’ chùrsa seo.”
Tha cùrsa Gàidhlig Duolingo ri fhaotainn an-asgaidh air iOS agus Android, agus aig duolingo.com, is gheibh luchd-ionnsachaidh cothrom na sgilean Gàidhlig aca a neartachadh agus a leasachadh tro ghnìomhean spòrsail.

