Dithis le ceangal ris an t-Sabhal a’ faighinn aithne aig a’ Mhòd Nàiseanta
Fhuair dithis aig a bheil ceangal ri Sabhal Mòr Ostaig aithne is urram aig a’ Mhòd Nàiseanta ann am Peairt an-dè.
Chaidh Sìne Amos, a bha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn ghoirid, ainmeachadh mar Neach-ionnsachaidh na Bliadhna agus chaidh Pàdraig MacAoidh, a bha na Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 2011-2012, ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Bha Sìne Amos na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna acadaimigich 2021-22, nuair a rinn i an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh (Teisteanas Foghlam Àrd-ìre). Cheumnaich i am-bliadhna le Duais Bharraichte agus fhuair i Duais Comunn na Gàidhlig airson a bhith a’ cur adhart còirichean is dualchas na Gàidhlig fo bhratach na Colaiste. Buinidh Sìne dhan Eilean Dubh, agus tha i na tidsear ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh far a bheil i a-nis a’ teagasg ceòl tro mheadhan na Gàidhlig.
Thuirt Sìne: “Tha mi air leth toilichte gun deach mo mholadh airson na duaise seo, gu h-àraidh air sgàth ’s gu bheil iomadh duine ag ionnsachadh na Gàidhlig san latha an-diugh. Bha mi glè fhortanach a bhith ag obair anns an àrainneachd bhrosnachail aig Sabhal Mòr Ostaig, le òraidichean taiceil agus sgoilearan dìcheallach, dòigheil eile. Tha cànan aig cridhe na coimhearsnachd, agus ’s e sin a’ phrìomh adhbhar gun robh mi ag iarraidh a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus gun robh mi soirbheachail leis. Thug na daoine an seo, ann am Port Rìgh, misneachd agus taic dhomh agus bhruidhinn iad rium anns a’ Ghàidhlig bhon toiseach – nach iad a bha foighidneach!”
Rugadh is thogadh Pàdraig ann an Eilean Leòdhais agus tha e a-nis a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus e ag obair mar Àrd-òraidiche Litreachais ann an Oilthigh Chill Rìmhinn. Tha e air dà leabhar bàrdachd fhoillseachadh, agus nochd na leabhraichean sin air geàrr-liosta Leabhar Bàrdachd na Bliadhna aig Comann Crann na h-Alba agus geàrr-liosta Duais Ruairidh MhicThòmais.
A’ bruidhinn mun urram, thuirt Pàdraig: “’S e fìor urram a th’ ann dreuchd mar bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich a ghabhail os làimh – gu h-àraidh leis gu bheil e gu bhith ceud bliadhna ann an ath-bliadhna, 2023, bho chaidh bàrd, Seumas MacThòmais à Leòdhas, ainmeachadh leis a’ Chomunn airson a’ chiad uair. Thairis air na bliadhnaichean, tha bàird a’ Chomuinn air na h-uimhir a dhèanamh gus ùidh ann am bàrdachd na Gàidhlig a phiobrachadh, nam measg Rody Gorman, leis an robh an dleastanas seo an-uiridh: abair ceumannan a tha agam ri leantainn. Tha e snog cuideachd a bhith an sàs anns a’ Mhòd. Chan eil guth seinn idir agam, agus cha robh mi riamh am measg nan co-fharpaisean ann – tha e math fhèin fhaighinn dhan a’ chèilidh iongantach seo tro dhoras eadar-dhealaichte.”
Thuirt Eairdsidh MacGilleathain, Leas-Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha sinn aig an t-Sabhal Mhòr cianail moiteil à Sìne agus à Pàdraig airson na duaisean seo a bhith air am buileachadh orra leis a’ Chomunn Ghàidhealach. Tha Sìne air adhartas ionmholta a dhèanamh anns a’ chànan agus i a-nis a’ cleachdadh a cuid sgilean gus ceòl a theagasg do dh’òigridh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Bha Pàdraig còmhla rinn mar Sgrìobhadair air Mhuinntireas bho chionn bhliadhnaichean agus tha e na adhbhar tlachd cho mòr dhuinn gu bheil e a-nis air aithne fhaighinn mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Tha e na urram dhuinn aig Sabhal Mòr Ostaig gu bheil Sìne agus Pàdraig air cliù cho cudromach a chosnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta am-bliadhna agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh san ùine ri thighinn nan dreuchdan, a tha cho cudromach dhan Ghàidhlig ann an iomadh dòigh.”

