Soirbheas agus brosnachadh aig Ceumnachd Shabhal Mòr Ostaig 2022

Chaidh Ceumnachd Shabhal Mòr Ostaig a chumail air Dihaoine 30 Sultain, far an tàinig luchd-ceuma, luchd-teagaisg, teaghlaichean, is caraidean còmhla gus bliadhna de shoirbheachas a chomharrachadh. Tha trì bliadhna air a bhith ann on a bha ceumnachd air làrach na Colaiste mu dheireadh, agus mar sin, bha feadhainn de luchd-cheuma 2020 is 2021 an làthair còmhla ri clas 2022 cuideachd. Cheumnaich 63 oileanaich bhon Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig am-bliadhna, le duaisean bho ìre àrd-sgoile gu ìre for-cheuma air a thoirt seachad.
Chuir Aonghas MacLeòid, Cathraiche Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir, fàilte air an luchd-èisteachd, is e ag ràdh:
“A-nochd, tha sinn a’ comharrachadh na choilean obair is saothair oileanaich is luchd-obrach na Colaiste tron dà bhliadhna a dh’fhalbh. Bliadhnaichean doirbh, ach às an tàinig cuideachd soirbheas, mar a chì sinn a-nochd.
“Oileanaich agus a luchd-ceuma: tha sibh air dearbhadh gu bheil sibh barraichte – làn chomasan de gach seòrs’, agus is math a rinn sibh uile! Tha sinn uile moiteil asaibh, agus ri gàirdeachas air ur son.”

Bhruidhinn an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, air eachdraidh agus inbhe na Colaiste, a bhios a’ comharrachadh 50 bliadhna on a dh’fhosgail i an-ath-bhliadhn’, agus thug i seachad gliocas is brosnachadh dhaibhsan a bha a’ ceumnachadh:

“A luchd-ceuma, cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dìochuimhneachadh an strì agus an spàirn gus còirichean bunaiteach fhaighinn airson cànan, cultar is luchd na Gàidhlig, agus gur e ar n-obair uile a bhith a’ neartachadh an dìleab seo.
“A-nochd, chì sinne annaibhse, an ath ghinealach a leanas sinne. Bithibh misneachail, agus obraichibh còmhla mar choimhearsnachd nàiseanta Gàidhlig; còmhla, nì sinn tòrr a bharrachd na nì sinn leinn fhìn.
“Le sin, mealaibh ur naidheachd, a luchd-ceuma, teaghlaichean, luchd-obrach agus caraidean!”
B’ e seo a’ chiad bhliadhna a chaidh an Duais Leasachaidh Phroifeiseanta ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig a thoirt seachad, le ochdnar oileanach a’ dèanamh a’ chùrsa ùr aig ìre for-cheuma. B’ e Cailean Gòrdan, a choisinn Duais an SQA, fear dhiubh. A’ bruidhinn mun chùrsa, thuirt Cailean:
“Rinn mi an cùrsa tron obair agam airson mo chuid sgilean a leasachadh anns an roinn seo. ‘S e fìor dheagh chùrsa a bh’ ann agus dh’ionnsaich mi an t-uabhas bhuaithe. Bha òraidiche a’ chùrsa air leth cuideachail agus brosnachail, agus bha mòran ri ionnsachadh cuideachd bho na h-oileanaich eile agus na diofar dòighean-obrach a bh’ acasan. Leasaich e na sgilean agam gun teagamh agus bidh mi tric a’ cur gu feum na dh’ionnsaich mi anns an obair làitheil agam.”
B’ ann gu Mara Drysdale, a choisinn ceum BA (le Urram) aig a’ chiad ìre ann an Gàidhlig agus Foghlam, a chaidh an duais Oileanach SMO na Bliadhna. Chaidh Mara tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgoil, agus tha i airson an aon bhrosnachadh agus foghlam a thoirt don ath ghinealach ‘s a fhuair i fhèin bho na tidsearan aicese:
“Bha na h-oidean a bha agam, gu h-àraid an sgioba BA Gàidhlig agus Foghlam, air leth taiceil, brosnachail, agus eòlasach. Rinn mi mo chiad bhliadhna aig an t-Sabhal Mhòr air an làraich, ach mar thoradh air Covid agus greisean-sgoile, rinn mi na bliadhnaichean eile air astar. Cha tug sin buaidh air an taic agus oideachadh a fhuair mi ge-tà, agus gach uair a thill mi airson deuchainnean, bha mi fhathast a’ faireachdainn nam phàirt de choimhearsneachd na Colaiste.
“Tha mi a-nis air mo bhliadhna phròbhaidh agus tha mi a’ cur nan sgilean agus na teòiridhe a dh’ionnsaich mi aig an t-Sabhal Mhòr gu feum gach latha nam phlanadh agus leasanan. Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ dèanamh rannsachadh foghlaim mar phàirt den tràchdas agam agus bhithinn airson tilleadh gus maighstearachd a dhèanamh san àm ri teachd!”


B’ i Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, a thug seachad Òraid na Ceumnachd, is i a’ bruidhinn air na ceanglaichean aice fhèin ris a’ Cholaiste agus mar a chuidich sin i air an t-slighe chun na dreuchd a th’ aice an-diugh. Mheòraich i cuideachd air na luachan a bhios ga stiùireadh fhèin is a co-obraichean nan obair làitheil, agus thug i seachad meal a naidheachd bhlàth. A’ bruidhinn mun oidhche, thuirt i:
“Bha mi air leth toilichte a bhith an làthair aig Ceumnachadh Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna. Bha e brosnachail an luchd-ceumna a bhith cruinn còmhla, gu h-àraid às dèidh nan dùbhlain a bha romhpa thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh. Tha mi a’ dèanamh fiughair gus faicinn na nì iad airson na Gàidhlig san àm ri teachd.”