Skip to content

CÙRSAICHEAN GOIRID AN T-SAMHRAIDH 2026

Fàilte gu prògram Cùrsaichean Goirid an t-Samhraidh 2026!

Tha na cùrsaichean seo gu bhith a’ ruith bho 06 Iuchar gu 21 Lùnastal 2026. Bidh sinn a cur am barrachd chùrsaichean suas thar na seachdainean a tha romhainn.

Cha bhi Cùrsaichean Goirid sam bith againn air-loidhne aig àm na Càisge no as t-Samhradh 2026, ach bidh cùrsaichean a’ ruith air-loidhne tron gheamhradh mar as àbhaist. Ma tha moladh agad airson Cùrsa Goirid air-loidhne, cuir post-d gu:

 7 SEACHDAINEAN DE CHÙRSAICHEAN GOIRID TRON T-SAMHRAIDH:
06 IUCHAIR – 21 LÙNASTAL 2026

Seachdain 1     06 – 10 Iuchar

Seachdain nan Teaghlach 2026

Seachdain nan Teaghlach
Fios ri thighinn

Seachdain 2     13 – 17 Iuchar

Seachdain 3     20 – 24 Iuchar

Seachdain 4     27 – 31 Iuchar

Seachdain 5     03 – 07 Lùnastal

Seachdain 6     10 – 14 Lùnastal

Seachdain 7     17 – 21 Lùnastal

Àite-fuirich

Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.

Sabhal Mòr Ostaig

’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.

BEATHA OILEANACH

An t-Eilean Sgitheanach

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578