CÙRSAICHEAN GOIRID AN T-SAMHRAIDH 2027
Fàilte gu prògram Cùrsaichean Goirid an t-Samhraidh 2027!
Tha na cùrsaichean seo gu bhith a’ ruith bho 06 Iuchar gu 20 Lùnastal 2026. Bidh sinn a cur am barrachd chùrsaichean suas thar na seachdainean a tha romhainn.
Tha sgeama sgoilearachd againn airson taic a thabhainn do dhaoine aig a bheil tuarastal ìosal, neo aig nach eil mòran cothroman ionnsachaidh, gus na bacaidhean ionnsachaidh a lùghdachadh. Bidh maoineachadh ri fhaighinn gu ruige 50% den dà chuid, cìsean cùrsa is àite-fuirich, uaireannan barrachd air seo do dhaoine a bhios a’ fuireach san Rìoghachd Aonaichte. Chan eil taic ri faighinn airson chosgaisean siubhail neo cosgaisean eile a bhios ceangailte le cùrsa. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig
Cha bhi Cùrsaichean Goirid sam bith againn air-loidhne aig àm na Càisge no as t-Samhradh 2027, ach bidh cùrsaichean a’ ruith air-loidhne tron gheamhradh mar as àbhaist. Ma tha moladh agad airson Cùrsa Goirid air-loidhne, cuir post-d gu:
7 SEACHDAINEAN DE CHÙRSAICHEAN GOIRID TRON T-SAMHRADH:
05 IUCHAR – 20 LÙNASTAL 2027
Seachdain 1 05 – 09 Iuchar
Seachdain nan Teaghlach – Fios ri thighinn
Seachdain 2 12 – 16 Iuchar
Seachdain 3 19 – 23 Iuchar
Seachdain 4 26 – 30 Iuchar
Cello le Natalie Haas
A’ fosgladh airson bucadh 1/12/26 aig 13:30
Seachdain 5 02 – 06 Lùnastal
Seachdain 6 09 – 13 Lùnastal
Seachdain 7 16 – 20 Lùnastal
Airson fios air susbaint a’ chùrsa aig gach Ìre Ghàidhlig, cliog air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Gàidhlig Ìre 1, Gàidhlig Ìre 2, Gàidhlig Ìre 3, Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5, Gàidhlig Ìre 6, Gàidhlig Ìre 7, Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9, Gàidhlig Ìre 10, Co-ionannachd Ìre Ghàidhlig
Àite-fuirich
Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.
Sabhal Mòr Ostaig
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.

