A’ CHIAD BHARANTAS NÀISEANTA SAN T-SAOGHAL SA GHÀIDHLIG
Tha sinn air leth moiteil a’ naidheachd a sgaoileadh gu bheil Sabhal Mòr Ostaig a’ foillseachadh a’ chiad fhrèam sgrùdaidh is barantachaidh nàiseanta a-riamh do luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha am prògram barantais Gàidhlig stèidhichte air Common European Framework of Reference for Languages (CEFR), agus prìomh chomharran ionnsachaidh is barantachadh oifigeil na chois do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
’S e FICE (Frèam Iomraidh Cumanta Eòrpach) ainm an fhrèama agus bidh e mar ‘an ath cheum’ do na mìltean de luchd-ionnsachaidh a tha a’ dèanamh feum de SpeakGaelic, Duolingo, is goireasan foghlaim eile. Bidh comharran adhartais an cois FICE do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus bheirear seachad barantas oifigeil airson sgilean cànain a dhearbhadh.
Thuirt Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, a tha na Mhanaidsear Ionnsachaidh Inbhich aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Ann an iomadh cànan eile, a leithid Gàidhlig na h-Èireann is na Cuimris, bha dreachd de CEFR sa chànan aca fhèin air leth cudromach airson comasan cànain a dhearbhadh is a thomhas agus eòlas air ionnsachadh a sgaoileadh. Bidh dòigh fhurasta ann do luchd-labhairt na Gàidhlig an cuid sgilean cànain a mheas a-nis ri linn stèidheachadh CEFR sa Ghàidhlig (FICE) agus mar thoradh air sin teisteanas nàiseanta fhaighinn mar chomharra air comas sa chànan. Thèid taic a chumail ri buidhnean ri linn stèidheachadh FICE is iad a’ leasachadh is a’ lìbhrigeadh Phlanaichean Gàidhlig agus slighe shoilleir ann air adhartas do luchd-obrach a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.”
Thuirt Eairdsidh MacGillEathain, a tha na Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Bhon a chaidh SpeakGaelic a chur air bhog ann an 2021, tha sinn air na mìltean fhaicinn a’ tòiseachadh air an slighe Ghàidhlig tro na goireasan ionnsachaidh. Tha e mar amas FICE gun tog sinn air an fhèill mhòir seo airson ionnsachadh is sinn a’ toirt seachad prògram barantais nàiseanta airson adhartas is clachan-mìle ionnsachaidh a chomharrachadh. Thèid aig luchd-ionnsachaidh is fileantaich air measaidhean a dhèanamh airson an cuid sgilean cànain a dhearbhadh is a chomharrachadh tro phrògram barantais FICE.”
Thèid prògram measaidh FICE fhoillseachadh gu h-oifigeil as t-samhradh tro chùrsa seachdain anns am bi deuchainn FICE aig deireadh na seachdain airson teisteanas Gàidhlig A1 a bhuileachadh. Bidh an cùrsa goirid ann eadar 16 is 20 Ògmhios agus tha iarrtasan fosgailte airson a’ chùrsa a-nis.
Bidh Sabhal Mòr Ostaig ag obair an com-pàirteachas le buidhnean coimhearsnachd, buidhnean ionadail is nàiseanta agus ionadan foghlaim eile, an dèidh foillseachadh oifigeil FICE, is iad a’ stèidheachadh prògram nàiseanta de mheasaidhean FICE.