Ionad airson Sàr-mhathais ann an Teagasg

Tha e na urram dhuinne aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith ag obair air a’ phròiseact ùr nàiseanta a tha seo a tha ag amas air cothroman brìoghmhor ann an ionnsachadh proifeiseanta a chruthachadh do thidsearan gu didseatach agus aghaidh-ri-aghaidh.
Is e obair iomadh-fhillte a tha aig tidsearan ri dhèanamh ann an sgoiltean an-diugh, agus tha dùbhlain agus cothroman gu math mòr mu choinneamh thidsearan ann am Foghlam Gàidhlig gus curraicealam a lìbhrigeadh agus cànan nan sgoilearan a leasachadh aig an aon àm. Bheir an ‘Hub Gàidhlig’ taic do thidsearan Gàidhlig tro chothroman ionnsachaidh ùr-ghnàthach.
Thèid am pròiseact seo a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, agus tha Sabhal Mòr Ostaig gu bhith a’ riochdachadh Foghlam Gàidhlig air a’ phròiseact, ag obair ann an com-pàirteachas ri Oilthigh Ghlaschu, a tha ga stiùireadh.
Tha seo na dhearbhadh air an obair a tha sinn air a bhith a’ dèanamh ann an ionnsachadh proifeiseanta do thidsearan Gàidhlig bho chionn grunn bhliadhnaichean a-nise, gu h-àraid tron MEd ann am Foghlam Gàidhlig.
Bu mhath leinn meal-a-naidheachd a chur air Shona NicCarmaig agus Anna Thirkell à sgioba Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig, a th’ air a bhith ag obair gu dlùth ri sgioba à Oilthigh Ghlaschu gus an t-Ionad a chur air bhog. Thathar an dùil gun tòisich obair an Ionaid gu foirmeil ro dheireadh a’ Ghiblein agus ruithidh e sa chiad àite gu deireadh a’ Mhàirt 2026.