Bàs na Banrigh Ealasaid II
Bha sinn uile aig Sabhal Mòr Ostaig gu math brònach cluinntinn na naidheachd mu bhàs na Banrigh, aig aois 96. B’ e boireannach air leth comasach a bh’ innte, a thug seirbheis air leth dhan Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn uile aig an t-Sabhal a’ cuimhneachadh air an teaghlach aig a’ Bhanrigh aig an àm dhuilich a tha seo, agus air an rìgh ùr, Rìgh Teàrlach. Eadar seo agus an tiodhlacadh stàite air Diluain 19mh den t-Sultain, bidh sinne, leis an còrr den dùthaich, a’ comharrachadh an ùine seo mar ùine chaoidh.