Oideas – Sreath ùr ga Chraoladh
Tha Gwen NicGuaire bho Shabhal Mòr Ostaig agus Iain MacDiarmaid bho Telt Media air sreath ùr den phod-chraoladh Oideas a chruthachadh. Tha còig prògraman ùra san dàrna sreath, far a bheil Gwen NicGuaire a’ bruidhinn ri daoine aig a bheil sàr-eòlas air foghlam Gàidhlig. Thòisich Oideas an-uiridh agus eòlaichean foghlaim a’ toirt bheachdan agus stiùireadh seachad do dhaoine aig a bheil ùidh ann am foghlam agus teagasg sa Ghàidhlig.
Tha prògraman na bliadhna sa loma-làn de chòmhradh, cheistean, chnuasachadh agus beagan craic cuideachd agus Gwen agus a h-aoighean a’ toirt sùil air iomadh cuspair inntinneach. Tha Oideas air a dhealbhadh mar ghoireas airson luchd-teagaisg Gàidhlig agus oileanaich a tha ag amas air dreuchd ann am foghlam Gàidhlig agus airson daoine aig a bheil ùidh sa chuspair.
Thuirt Gwen NicGuaire, a tha a’ stiùireadh a’ phròiseict: “Bha e na thlachd dhomh an sreath ùr seo a thoirt gu buil. Tha mi an dòchas gun còrd na prògraman ribh uile cho mòr ’s a chòrd e riumsa a bhith gan dhèanamh, is tha deagh mheasgachadh dha-rìribh de dh’ aoighean ann! Cha robh mi idir an dùil nuair a thòisich mi air a’ phròiseact seo teis-meadhan a’ phandemic gum biodh e cho soirbheachail ’s gum biodh dàrna sreath ann.”
’S Oideas a’ chiad ghoireas den t-seòrsa seo airson leasachadh proifeasanta luchd-teagaisg na Gàidhlig.
Tha Oideas ri fhaotainn air-loidhne agus tro app àbhaisteach far am faighear pod-chraolaidhean. Tha Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt maoineachadh don phròiseact. Faodar èisteachd ris a’ chiad phrògram bhon an t-sreath ùr an seo.

