CATHRAICHE ÙR BÒRD STIÙIRIDH SHABHAL MÒR OSTAIG: AONGHAS MACAONGHAIS
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte air Cathraiche ùr a’ Bhùird Stiùiridh, Aonghas MacAonghais, à Ceann a’ Bhàigh ann an Uibhist a Tuath.
Chaidh Aonghas air Bòrd an t-Sabhail an toiseach ann an 2016 agus tha e air a bhith anns a’ Chathair air Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd bhon uair sin, agus na Iar-chathraiche air a’ Bhòrd Stiùiridh bho 2018. Tha e a’ gabhail na Cathrach os làimh bho Aonghas S. MacLeòid.

Chaidh Aonghas MacAonghais a thogail le Gàidhlig san teaghlach ann an Uibhist a Tuath, far an deach e an toiseach dhan sgoil san sgìre agus gu Sgoil MhicNeacail, mus deach e an uair sin dhan College of Building and Printing ann an Glaschu. Tha e air a bhith an sàs le gnìomhachas an togail airson còrr is 30 bliadhna, is e ag obair na Stiùiriche thar na 20 bliadhna mu dheireadh. Tha ùidh mhòr aig Aonghas ann an spòrs, gu sònraichte ann an iomain, agus tha e na urrasair is Ceann-suidhe air sgioba Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal agus na Iar-Cheann-suidhe air Comann Ceilteach Ghlaschu.
Thuirt Aonghas:
“’S e urram mòr a th’ ann dhòmhsa a bhith nam Chathraiche air Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir, àite a tha cho prìseil airson cànan is cultar na Gàidhlig, agus airson Alba air fad.
“Tha ar cothroman ionnsachaidh aig sàr-àrd-ìre a’ cur ri soirbheas an ath ghinealaich de luchd-labhairt na Gàidhlig, agus ri soirbheachas a’ chànain.
“’S e àm cudromach a tha seo dhan Ghàidhlig agus dhan t-Sabhal, le reachdas ùr ri thighinn ann am Bile nan Cànan Albannach a bharrachd air dùbhlain eile mu choinneamh cholaistean is oilthighean air feadh na dùthcha aig àm dùbhlanach a thaobh an eaconamaidh.
“Bu mhath leam taing mhòr a thoirt dhaibhsan a thàinig romham – Aideen Ní Mháille agus Aonghas S. MacLeòid – a tha, anns na seachd bliadhna a tha mise air a bhith air a’ Bhòrd, air comhairle ghlic is fheumail a thoirt seachad.”