CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE 2027
Fàilte ort do phrògram Cùrsaichean Goirid na Càisge 2027!
Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agad, air neo ma tha thu 26 bhliadhna a dh’aois no nas òige agus a-riamh ann an suidheachadh cùraim (mar eisimpleir: cùram-daltachd, còmhnaidh leth-neo-eisimeileach no dachaigh-cùraim), agus gheibh thu 30% far a’ chùrsa agad!
Tha sgeama sgoilearachd againn airson taic a thabhainn do dhaoine aig a bheil tuarastal ìosal, neo aig nach eil mòran cothroman ionnsachaidh, gus na bacaidhean ionnsachaidh a lùghdachadh. Bidh maoineachadh ri fhaighinn gu ruige 50% den dà chuid, cìsean cùrsa is àite-fuirich, uaireannan barrachd air seo do dhaoine a bhios a’ fuireach san Rìoghachd Aonaichte. Chan eil taic ri faighinn airson chosgaisean siubhail neo cosgaisean eile a bhios ceangailte le cùrsa. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig
Cha bhi Cùrsaichean Goirid sam bith againn air-loidhne aig àm na Càisge no as t-Samhradh 2027, ach bidh cùrsaichean a’ ruith air-loidhne tron gheamhradh mar as àbhaist. Ma tha moladh agad airson Cùrsa Goirid air-loidhne, cuir post-d gu:
CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE: 29 MÀRT – 09 GIBLEAN 2027
29 MÀRT –09 GIBLEAN 2027
Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose
Ionnsaich òrain Ghàidhlig le tè de na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba. Gheibh thu cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh thu cuideachd cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha.
AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 29 Màrt – 02 Giblean 2026
05–09 GIBLEAN 2027
DÈ A’ GHÀIDHLIG AIR “SESSION A9”?
Fosgladh airson bucadh air 1/10/2026 aig 12:00 meadhan-latha!
Cùrsa ùr, iongantach cuide ri muinntir Session A9, le co-mheasgachadh de chlasaichean-fuinn le gach oide agus clasaichean-còmhlain fad an latha.
AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 05 – 09 Giblean 2027
Airson fios air susbaint a’ chùrsa aig gach Ìre Ghàidhlig, cliog air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Gàidhlig Ìre 1, Gàidhlig Ìre 2, Gàidhlig Ìre 3, Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5, Gàidhlig Ìre 6, Gàidhlig Ìre 7, Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9, Gàidhlig Ìre 10, Co-ionannachd Ìre Ghàidhlig
Àite-fuirich
Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.
Sabhal Mòr Ostaig
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.
BEATHA OILEANACH
An t-Eilean Sgitheanach

