Skip to content

CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE 2026

Fàilte ort do phrògram Cùrsaichean Goirid na Càisge 2026!   

Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agad, air neo ma tha thu 26 bhliadhna a dh’aois no nas òige agus a-riamh ann an suidheachadh cùraim  (mar eisimpleir: cùram-daltachd, còmhnaidh leth-neo-eisimeileach no dachaigh-cùraim), agus gheibh thu 30% far a’ chùrsa agad!

Cha bhi Cùrsaichean Goirid sam bith againn air-loidhne aig àm na Càisge no as t-Samhradh 2026, ach bidh cùrsaichean a’ ruith air-loidhne tron gheamhradh mar as àbhaist. Ma tha moladh agad airson Cùrsa Goirid air-loidhne, cuir post-d gu:

CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE: 06–17 GIBLEAN 2026

06–10 GIBLEAN 2026

GÀIDHLIG ÌRE 1

Bidh an cùrsa seo freagarrach do fhìor luchd-tòiseachaidh gun Ghàidhlig sam bith – m.e. daoine aig NACH EIL eòlas ionnsachaidh a-cheana, leithid Duolingo no clasaichean ionadail.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

GÀIDHLIG ÌRE 3

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

GÀIDHLIG ÌRE 5

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach àrd agus a tha comasach còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

GÀIDHLIG ÌRE 7

Bidh an cùrsa Gàidhlig Ìre 7 freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

GÀIDHLIG ÌRE 9

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh adhartach na Gàidhlig a tha air crìoch a chur air Ìrean 1–8 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo cùrsaichean co-ionann. Bidh an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson nan sgilean cànain aca a leasachadh.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

ÒRAIN GHAIDHLIG LE CHRISTINE PRIMROSE

Ionnsaich òrain Ghàidhlig le tè de na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba. Gheibh thu cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh thu cuideachd cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

BÀRDACHD LE RODY GORMAN

Tha an cùrsa còig latha seo aig Sabhal Mòr Ostaig ag amas air daoine a tha ag iarraidh cur ri bàrdachd ann an Gàidhlig. Thèid a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla le chèile.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 06 – 10 Giblean 2026

13–17 GIBLEAN 2026

GÀIDHLIG ÌRE 2

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
  • ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
  • agus structaran coimeasach.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 13 – 17 Giblean 2026

GÀIDHLIG ÌRE 4

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh nas mionaidiche a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 13 – 17 Giblean 2026

BEARTAS CAINNT LE AILIG ‘BHALTOIS’ DÒMHNALLACH

Tha an cùrsa seo dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas. Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 13 – 17 Giblean 2026

DÈ A’ GHÀIDHLIG AIR “SESSION A9”?

Tha an cùrsa seo làn a-nis, Gus d’ ainm a chur ris an liosta-fheitheimh, cuir post-d gu:

AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, 13 – 17 Giblean 2026

Àite-fuirich

Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.

Sabhal Mòr Ostaig

’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.

BEATHA OILEANACH

An t-Eilean Sgitheanach

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578