Fàilte & Fios: DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig
Bidh seisean fiosrachaidh againn Dimàirt 01 Lùnastal 2023, 7–8f, far an cluinnear mun chùrsa DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig againn.
Cluinneamaid bho Stiùiriche a’ Chùrsa An Dr Iain Mac a’ Phearsain agus alumni mun chùrsa, agus ’s e deagh chothrom a bhios an seo ceist sam bith a chur air a’ phannal agus d’ inntinn a dhèanamh suas mun ath cheum. Bidh fàilte romhaibh uile.
‘S e seisean dà-chànanach a bhios ann, air a lìbhrigeadh tro Zoom agus air a chlàradh beò air SMO TBH air YouTube.
Thigibh còmhla rinn air Dimàirt 01 Lùnastal 2023, 7–8f, far an cluinnear mun chùrsa DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig.

