Ceòl bho Valtos – Dihaoine 22 Sultain, Sabhal Mòr Ostaig
Thig còmhla rinn airson oidhche air leth de cheòl bho Valtos, Dihaoine 22 Sultain, agus sinn a’ comharrachadh 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig.
Dithis Sgitheanach – Daniel Docherty agus Martyn Dòmhnallach – a bha air am brosnachadh le còmhlain eile às an Eilean Sgitheanach, Peatbog Faeries agus Niteworks, aig Skye Live. Còmhla riutha air an oidhche, bidh na seinneadairean Eilidh NicCarmaig agus alumna Shabhal Mòr Ostaig, Lana Pheutan. Chì sinn ann sibh!
El Sartel
Bidh an còmhlan-ciùil ùr às an Eilean Sgitheanach, El Sartel, a’ cumail taic ri Valtos air an oidhche, agus iad an dòchas an cuid ciùil is na h-òrain indie/pop/roc Albannach aca a sgaoileadh fad is farsaing.
Tha tiogaidean £10, air neo £6 air prìs lasaichte (a’ gabhail a-steach oileanaich is daoine aois 16-18).
Feumaidh tu a bhith 16 bliadhna a dh’aois no nas sine airson tighinn chun tachartais seo, agus bidh ID air dhìth ort aig an doras.