FÈILL NA GÀIDHLIG GU BHITH AIG SABHAL MÒR OSTAIG – LATHA LÀN SPÒRS IS DIBHEARSAIN

Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte air daoine airson Latha Fèille, làn spòrs is dibhearsain, Disathairne 26 Giblean. Thèid Fèill na Gàidhlig a chumail eadar 12f is 4f aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach far am bi muinntir na sgìre, sean is òg, a’ cruinneachadh airson latha làn spòrs.
Bidh tòrr rudan spòrsail ann do dhaoine air an latha eadar biadh, bèicearachd is rafail, seiseanan le blasad dhen Ghàidhlig, cuideachd bidh peantadh aodainn ann, agus geamaichean airson airgead a thogail do bhuidhnean is carthannasan ionadail. Air an oidhche bidh cèilidh Gàidhlig againn, le Còisir Ghàidhlig an t-Sratha agus gu leòr de dhaoine ceòlmhor eile, far an cluinnear òrain is ceòl traidiseanta. Faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi latha trang is tlachdmhor againn far am faigh daoine cothrom eòlas a chur air Sabhal Mòr Ostaig agus air coimhearsnachd Ghàidhlig Shlèite!
Chan fheum Gàidhlig a bhith agad airson pàirt a ghabhail san latha, agus tha sinn a’ brosnachadh neach sam bith a tha a’ sireadh beagan spòrs is àbhachdais – agus neach sam bith a tha airson beagan ionnsachadh mun t-Sabhal Mhòr – tighinn chun na Colaiste air an latha!
Bidh fàilte ron a h-uile neach aig Fèill na Gàidhlig, agus bidh na tachartasan uile an-asgaidh, agus bidh cothrom ann airgead a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd ionadail tro rafail is crannchur. Bidh biadh is deochan gan reic.
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ brosnachadh ghnothachasan ionadail gus pàirt a ghabhail san latha, mar sin ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann am Fèill na Gàidhlig (m.e., gum bi bòrd agaibh no gun cùm sibh tachartas) no ma tha sibh airson duaisean a thoirt dhuinn airson an rafail, feuch gun cur sibh fios thugainn:
- Ceann-latha: Disathairne 26 Giblean
- Uair: 12f – 4f
- Àite: ACC, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ
- Tachartasan: geamaichean is rèisean spòrs, oisean leabharlainn do chloinn, seiseanan le blasad dhen Ghàidhlig, buidhnean coimhearsnachd ionadail, rafail, sealg-ulaidh, crannchur, tombòla, caisteal-bocadaich, cuairtean den àrainn.
- Cèilidh: 7:30f san Talla Mhòr