Tha Sgeul ri Innse : There’s a Story for the Telling
Tha sgeul ri innse mu gach nì…
Thigibh a chèilidh oirnn air 09 Cèitean, eadar 2f agus 4f, aig Sabhal Mòr Ostaig, far am bi sinn a’ toirt sùil air eachdraidh cuid de na nithean, aig a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig, a gheibhear ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Mar phàirt dhen tachartas seo, bithear a’ taisbeanadh dealbhan de nithean bhon chruinneachadh Nàiseanta san Talla Mhòr agus bidh luchd-obrach bho Shabhal Mòr Ostaig agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an làthair gus bruidhinn mu na dealbhan a chithear, agus iad a’ beachdachadh air sgeulachdan is cuimhneachain a bhuineas riutha.
Faodaidh neach sam bith bhon choimhearsnachd tighinn chun an tachartais seo. Tha e an-asgaidh, ach thathar ag iarraidh oirbh clàradh gu h-ìosal mus tig sibh:
- Ceann-latha: Dihaoine 09 Cèitean
- Uair: 2f – 4f
- Àite: An Talla Mòr, Sabhal Mòr Ostaig
- Gheibhear cofaidh, tì is bèicearachd
- Tha an tachartas seo an-asgaidh, ach feumaidh sibh clàradh air a shon
![Objects from the collection of National Museums Scotland to be studied as part of new Gaelic language project, Tha Sgeul Ri Innse [credit Duncan McGlynn] Objects from the collection of National Museums Scotland to be studied as part of new Gaelic language project, Tha Sgeul Ri Innse [credit Duncan McGlynn]](https://b2480852.smushcdn.com/2480852/wp-content/uploads/2025/02/Objects-from-the-collection-of-National-Museums-Scotland-to-be-studied-as-part-of-new-Gaelic-language-project-Tha-Sgeul-Ri-Innse-credit-Duncan-McGlynn-scaled.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
Tha am pròiseact seo na chom-pàirteachas eadar Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus tha e mar amas dhan phròiseact ceangal a dhèanamh eadar nithean is daoine eachdraidheil agus na sgeulachdan, daoine agus freumhan ionadail aca.