Modalan maighstireachd fa leth rim faotainn a-nis do thidsearan Gàidhlig
Nach eil thu deiseil airson cùrsa Maighstireachd slàn a dhèanamh? Dèan aon mhodal ma-thà. Ionnsaich aig d’ astar fhèin: modalan aig ìre Maighstireachd
Faodaidh tidsearan agus luchd-dreuchd foghlaim Gàidhlig modalan fa leth a dhèanamh a-nis bhon phrògram Maighstireachd ann am Foghlam (MEd) aig Sabhal Mòr Ostaig, agus le seo bidh barrachd sùbailteachd aca a thaobh chothroman leasachaidh proifeiseanta is dreuchdail.
Tha Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig a’ toirt cothrom an-asgaidh do dhaoine air trì modalan aig ìre Maighstireachd bhon MEd aca, agus le sin faodaidh tidsearan ionnsachadh ann an dòigh shùbailte far nach fheum iad an làn-theisteanas a thoirt a-mach. Bhon t-Sultain 2026, bidh na modalan seo rim faotainn:
- Foghlam Bogaidh agus Togail Cànain ann an Suidheachadh Mion-chànanach
- Gàidhlig airson Luchd-teagaisg 1
- Gàidhlig airson Luchd-teagaisg 2
Thuirt Anna Thirkell, Stiùiriche Cùrsa airson an MEd Foghlam Gàidhlig:
“Tha an t-iarrtas airson chothroman ionnsachaidh proifeiseanta, a tha sùbailte agus sàr-mhath, ann am foghlam Gàidhlig a’ sìor dhol am meud, agus tha sinn air leth toilichte cur ris na cothroman sùbailte a gheibhear tro ar prògram MEd.
“Leis na trì modalan a thathar a’ tabhann, gheibh luchd-oideachaidh Gàidhlig cothrom gus cur ris an eòlas phroifeiseanta aca, ris na sgilean Gàidhlig aca agus ris a’ mhisneachd aca leis a’ chànan, agus cothrom a dhol an sàs anns an rannsachadh as ùire, agus faodaidh iad sin a dhèanamh ann an dòigh shùbailte a fhreagras air am beatha obrach is phearsanta.”
Tha an MEd aig Sabhal Mòr Ostaig an-asgaidh do thidsearan ann an Alba tha clàraichte leis an GTCS, agus tha e air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba. Gabhar ri iarrtasan an-dràsta airson mhodalan agus a’ chùrsa a bhios a’ tòiseachadh san t-Sultain 2026.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic an seo.

