Moladh gun tèid a’ chiad Oilthigh Gàidhlig ann an Alba a chruthachadh
Mhol an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh, an t-Àrd-ollamh Seumas Mac an t-Sealgair CBE, gun tèid colaiste, aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, na oilthigh Gàidhlig, a’ chiad oilthigh de a sheòrsa ann an Alba.
Bhiodh taic Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Mhaoineachaidh Foghlam Leantainneach is Àrd-ìre na h-Alba (SFC) riatanach airson na h-iomairt a bheireadh na comasan do Shabhal Mòr Ostaig airson a cheuman fhèin a bhuileachadh air a luchd-cheuma.
Tha an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, a tha stèidhichte ann an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanach, an-dràsta na cholaiste a’ lìbhrigeadh an dà chuid Foghlam Àrd-ìre agus Foghlam Leantainneach, agus na chom-pàirtiche foghlaim neo-eisimeileach aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Tha a’ Cholaiste air a bhith aig cridhe ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus ’s i a’ Ghàidhlig cànan obrach is cànan teagaisg na Colaiste.
Thug an t-Àrd-ollamh Mac an t-Sealgair, a tha air 14 leabhraichean a sgrìobhadh air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus sliochd eadar-nàiseanta nan Gàidheal, a mholadh seachad nuair a thug e seachad Òraid Bhliadhnail an t-Sabhail an-diugh (10 Samhain). B’ e an t-Àrd-ollamh Mac an t-Sealgair a’ chiad stiùiriche aig Ionad na h-Eachdraidh le Oilthigh na Gàidhealtachd.
Anns an òraid aige, dh’innis e don luchd-èisteachd gum bi “dùbhlanan gun chrìch” an cois cosnadh inbhe oilthigh ach gum b’ urrainn don Cholaiste eisimpleir Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu a leantainn, a choisinn comasan airson a cheuman fhèin a bhuileachadh – a’ chiad ionad foghlam àrd-ìre dha leithid a choisinn na cumhachdan sin.
Thuirt an t-Àrd-ollamh Mac an t-Sealgair: “Tha eisimpleir againn airson a leithid a dh’aithne, ’s e sin Conservatoire Rìoghail na h-Alba, a tha gu daingeann an lùib roinn foghlam àrd-ìre na h-Alba ach aig a bheil a chuibhreann maoineachaidh fhèin agus cumhachdan airson ceuman a bhuileachadh ann an ceòl, film, dràma is na h-ealain.
“Ann an saoghal na Gàidhlig – ’s e sin cultar, eachdraidh is dualchas nan Gàidheal anns an t-seagh as fharsainge – tha dleastanasan Shabhal Mòr Ostaig air leth coltach ri dleastanasan a’ Chonservatoire, agus feumaidh gu bheil Sabhal Mòr Ostaig airidh air na cothroman ceudna.
“’S e cnag na cùise gum feumar coimhead ri Sabhal Mòr Ostaig, agus feumar Sabhal Mòr Ostaig a mhaoineachadh, mar a’ chiad oilthigh Gàidhlig ann an Alba.”
Thuirt Cathraiche Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig, Aonghas MacLeòid: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air a’ mholadh aig an Àrd-Ollamh Seumas Mac an t-Sealgair, fear a tha air cliù is urram nach beag a chosnadh dha fhèin ann an raon an fhoghlaim, agus e ag ràdh gum bu chòir a’ chiad Oilthigh Gàidhlig an Alba a stèidheachadh aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S e beachd air leth togarrach is lèirsinneach a th’ ann gun deigheadh a’ cholaiste a chur air stèidh ùir agus i na h-oilthigh Gàidhlig. Nan tigeadh am beachd-smuain seo gu buil, b’ urrainn dhuinn leudachadh air an obair chudromaich a tha sinn a’ dèanamh gus cor a’ chànain agus cultar na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an Alba.
“Cha leig sinn leas ach coimhead air Conservatoire Rìoghail na h-Alba, Ionad Beag Spèisealta air leth cliùiteach aig a bheil cumhachdan gus ceuman a thoirt seachad, airson eisimpleir fìor mhath den t-seòrsa ionad a dh’fhaodadh a bhith againne. Tha sinn gu mòr dhen bheachd, nan deigheadh na beachdan-smuain innleachdach aig an Àrd-Ollamh Mac an t-Sealgair a chur an sàs, gun tigeadh piseach mòr air a’ Ghàidhlig san ùine a tha romhainn.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Mac an t-Sealgair le shùil air an àm ri teachd: “Tha mise an dòchas gun lean an t-ionad cruth-atharrachail Sabhal Mòr Ostaig air a’ cur iongnadh oirnn le buidheann nas motha de dh’oileanaich, le sgioba obrach nas motha, le àrainn a thèid am meud agus le inbhe ùr.
“Leigidh an inbhe ùr sin leis a’ Cholaiste ceangal air choireigin a chumail le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha mi an dòchas, ach bidh i a’ riochdachadh na h-obrach is nan adhbharan a tha a’ fàgail gu bheil Sabhal Mòr Ostaig na ionad air leth.”
Tha an t-Àrd-ollamh Mac an t-Sealgair na ollamh air foghnadh aig Ionad Eachdraidh Oilthigh na Gàidhealtachd. B’ e a’ chiad stiùiriche aig Aonadh nan Croitearan, air a bheil Caidreachas Croitearachd na h-Alba san latha an-diugh, anns na 1980an. Bha e na Chathraiche aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean eadar 1998 is 2004 agus na neach-naidheachd cliùiteach cuideachd.
Chithear an òraid slàn gu h-ìosal.

