Òraid an t-Sabhail 2025
Tha e a’ toirt mòran toileachais dhuinn cuireadh a thoirt dhuibh don ath òraid san t-sreath – Òraidean an t-Sabhail.
Thèid òraid na bliadhna sa a thoirt seachad leis an àrd-riochdaire telebhisein is craoladair iomraiteach, Alan Esslemont. Tha Mgr. Esslemont na Àrd-stiùiriche aig TG4 agus tha eòlas obrach aige aig an ìre as àirde, an dà chuid an Alba is Èirinn, a bheir dhuinn sealladh air na dùbhlanan is cothroman an cois craoladh tro mheadhan mion-chànan. Mar sin dheth, bidh fèill mhòr air òraid Mhgr. Esslemont air gach taobh de Shruth na Maoile.

Tha Òraid an t-Sabhail a-nis mar phrìomh thachartas ann am bliadhna chultarail na h-Alba is i air iomadach òraidiche iomraiteach a thàladh thar nam bliadhnachan, a leithid: Uachtaráin no Cinn-suidhe na h-Èireann, Máire Mhic Róibín is Máire Mhic Ghiolla Íosa; seann Sheansalair is Prìomh-mhinistear na h-Alba, Gòrdan Brown; seann Phrìomh-mhinistearan na h-Alba, Dòmhnall Mac an Deòir nach maireann is Ailig Salmond nach maireann; an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh, An Dr Seumas Mac an t-Sealgair; Sir Charles Duncan Rice nach maireann, a bha roimhe na Phrionnsapal aig Oilthigh Obar Dheathain (1996-2010); agus iomadach neach cliùiteach eile bhon a h-uile ceàrnaidh de bheatha phoblach, phoilitigeach, fhoghlaim is chultarail na h-Alba.
Thèid an òraid a thoirt seachad ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil, Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, aig 4f Diardaoin 20 Gearran 2025.
Tha sinn an dòchas gun tèid agaibh air a thighinn nar cuideachd airson na h-òraid agus na cuirm dheochan an dèidh làimh.
Nam bu toil leibh a bhith an làthair
Bhitheamaid taingeil, nam bu mhath leibh a bhith an làthair, nan cuireadh sibh fios gu Sarah Jane Chaimbeul, Rùnaire a’ Phrionnsapail. Faodaidh sibh seo a dhèanamh air post-d aig .
Nam bu toil leibh ceangal gus fhaicinn beò air-loidhne
Mur urrainn dhuibh a bhith an làthair, thèid ceangal a sgaoileadh nas fhaisge air àm an tachartais far an urrainnear coimhead air an òraid beò. Nach clàraich sibh gu h-ìosal nam bu thoil leibh an ceangal seo fhaighinn.
Clàraich airson ceangal-lìn
Tha na leanas a’ toirt taic-urrasachd fhialaidh do dh’Òraid Bhliadhnail Sabhal Mòr Ostaig: James MacQueen Building Contractors Earranta, Uisge-beatha is Sineubhar bho Phràban na Linne is Fearann Eilean Iarmain agus R.HOUSE Earranta. Thathar a’ faighinn taic cuideachd bho Àrd-Chonsalachd na h-Èireann ann an Dùn Èideann.