SABHAL MÒR OSTAIG A’ STÈIDHEACHADH COM-PÀIRTEACHAS FOIRMEIL LE LEABHARLANN NÀISEANTA NA H-ALBA
Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air prògram aontachadh gu h-oifigeil airson an tuilleadh com-pàirteachais is iad a’ cur aonta ri Meòrachan Tuigse eadar an dà ionad.
Tha am Meòrachan Tuigse seo a’ cumail taic ri com-pàirteachasan soirbheachail leantainneach ann an rannsachadh, teagasg, cothroman cleachdaidh is gleidheadh chruinneachaidhean nàiseanta, aiseag-eòlas, com-pàirteachadh poblach ann an dualchas na h-Alba is obair choimhearsnachd, cho math ri gealladh a thaobh leasachadh sgilean.
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, An Dr Gillian Rothach:
“Tha An Leabharlann aig Sabhal Mòr Ostaig agus na cruinneachaidhean de leabhraichean tearc fìor chudromach a thaobh eachdraidh na Gàidhlig is na h-Alba agus iad aig teis-meadhan obair na Colaiste bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 1973.
“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil sinn a’ togail air a’ cheangal againn le Leabharlann Nàiseanta na h-Alba tron chom-pàirteachas fhoirmeil seo eadar an dà ionad nàiseanta. Chan eil teagamh sam bith agam gun lean an t-sàr bhuaidh againn air rannsachadh na Gàidhlig, air an litreachas is a’ chultar is an eachdraidh againn is sinn a’ co-obrachadh le chèile air brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.”
Thuirt an Leabharlannaiche Nàiseanta, Amina Shah:
“’S e adhbhar toileachais a th’ ann dhuinn a bhith a’ foillseachadh a’ chom-pàirteachais againn le Sabhal Mòr Ostaig an-diugh. Tha sinn air co-obrachadh gu dlùth le chèile fad iomadh bliadhna agus eatarainn tha na cruinneachaidhean Gàidhlig as motha agus cuid den fheadhainn as cudromaiche san t-saoghal.
“Tha sinn an dùil gun tèid againn air coimhearsnachdan a cheangal leis na cruinneachaidhean sin agus gun lean sinn oirnn a’ brosnachadh a’ chànain is a’ chultair ann an Alba agus thall thairis.”
Chaidh an soidhneadh oifigeil a chumail aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann far an do chuir Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, An Dr Gillian Rothach, agus an Leabharlannaiche Nàiseanta, Amina Shah, aonta ris a’ Mheòrachan Tuigse.