SABHAL MÒR OSTAIG A’ TOIRT AITHNE IS URRAM DO SHIANAR SHÀR GHÀIDHEAL
Chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air sianar dhaoine aig tachartas sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig a’ comharrachadh an 50mh ceann-bliadhna aca am-bliadhna.
’S iad na Sàr Ghàidheil ùra: Lachlann MacIllÌosa nach maireann agus Cathaidh NicDhòmhnaill a fhuair an t-urram ann an 2020; Donalda NicFhionghain agus Donnchadh Fearghasdan (2021); agus Julie Fowlis agus Coinneach MacÌomhair (2022).
Am-bliadhna, chaidh sianar Shàr Ghàidheal ùra ainmeachadh air sgàth ’s nach b’ urrainnear coinneachadh airson na duaisean a thoirt seachad sna trì bliadhna a dh’fhalbh ri linn Covid. Chaidh an t-urram a stèidheachadh ann an 2008 gus aithne a thoirt do dhaoine a tha air cur gu mòr ri cànan is cultar na Gàidhlig.
Thuirt Cathraiche Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig, Aonghas MacLeòid:
“’S e urram a th’ ann dha Sabhal Mòr Ostaig gun urrainn dhuinn aithne a thoirt do shianar Shàr Ghàidheal a tha air uiread a dhèanamh às leth agus airson cànan agus cultar na Gàidhlig.
“Bha e sònraichte math a bhith cruinn còmhla a-rithist gus an t-urram seo a bhuileachadh air cuid de ghaisgich a’ chànain. Tha gach duine aca air bratach na Gàidhlig a thogail an àirde tro iomadh meadhan is gnìomh agus bha sinn uabhasach toilichte gun robh teaghlach Lachaidh MhicIllÌosa nach maireann còmhla rinn gus an t-urram a ghabhail. Bha Lachaidh aig cridhe coimhearsnachd Ghàidhlig an Taobh Sear agus tha ionndrainn mhòr air.
“Am measg an t-sianair Shàr Ghàidheal a chaidh ainmeachadh, tha triùir chraoladairean agus nach iomchaidh sin sa bhliadhna a thathar a’ comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a’ chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh air a’ BhBC. Agus nach math a bhith a’ dèanamh gàirdeachas ris na Sàr Ghàidheil uile sa bhliadhna shònraichte seo airson Sabhal Mòr Ostaig fhèin, agus sinn fhìn a’ comharrachadh ar 50mh ceann-bliadhna.”
Fiosrachadh mu gach Sàr Ghàidheil:
Lachlann MacIllÌosa
Sàr Ghàidheal 2020
B’ ann à Stafainn ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a bha Lachlann MacIllÌosa nach maireann, no Lachaidh Gillies mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, a chaochail ann an 2022. Choisinn Lachaidh cliù dha fhèin leis a’ bheairteas de dh’eòlas a bh’ aige air iomadh diofar chuspair agus bhiodh e tric a’ nochdadh air an rèidio agus an telebhisean. Tha ionndrainn mhòr air Lachaidh, a bha thar nam bliadhnaichean gu mòr an sàs sa choimhearsnachd aige, eadar an eaglais, croitearachd, iasgach agus iomadh taobh de dhualchas nan Gàidheal.
Cathaidh NicDhòmhnaill
Sàr Ghàidheal 2020
‘S ann à Ùig ann an Leòdhas a tha Cathaidh NicDhòmhnaill bho thùs agus tha i na craoladair is riochdaire dà-chànanach a tha air cliù mòr a chosnadh dhi fhèin an lùib iomadh prògraim bho thòisich i aig roinn Ghàidhlig a’ BhBC. Bidh Cathaidh ag obair air prògraman rèidio agus telebhisein le companaidhean leithid Caledonia TV, MacTV, agus BBC Gàidhlig, mar neach-aithris air prògraman leithid Sàr Sgeòil, am Mòd Nàiseanta agus Cèilidh na Bliadhn’ Ùire. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha i air a bhith a’ lìbhrigeadh “Sunday Morning with” dha Radio Scotland, agus a’ dèanamh beagan obair-sgrìobhaidh.
Donalda NicFhionghain
Sàr Ghàidheal 2021
Buinidh Donalda NicFhionghain dha na Hearadh. Tha i air a bhith ann an grunn dhreuchdan stiùiridh aig àrd-ìre aig BBC Scotland o thòisich i ann an 1987. Bha i na Stiùiriche air BBC Scotland eadar 2016 agus 2020, agus b’ i a stiùir mar a chaidh an sianal ùr, BBC Scotland, a stèidheachadh ann an 2019 agus mar a chaidh an sianal Gàidhlig, BBC ALBA, a chur air chois ann an 2008, agus bha i os cionn craoladh Gàidhlig eadar 1996-2002. Tha i cuideachd air a bhith na ball air iomadach bòrd aig diofar bhuidhnean san roinn phoblaich agus bha i na Cathraiche air Bòrd Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Donnchadh Fearghasdan
Sàr Ghàidheal 2021
’S ann à Ìle a tha Donnchadh Fearghasdan bho thùs, ach tha e a-nis a’ fuireach ann an Loch Aillse far an robh e na Cheannard air Àrd-sgoil a’ Phluic airson iomadach bliadhna. Tha Donnchadh air a bhith an sàs ann an iomadh buidheann is iomairt Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean, aig ìre ionadail agus nàiseanta. Bha e na Iar-Cheann-Suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealach agus na Iar-Chathraiche aig Comunn na Gàidhlig. Cuideachd, b’ e Donnchadh a’ chiad Chathraiche a bh’ air Bòrd na Gàidhlig. Bha e am measg nan ciad bhall dhen bhuidhinn Clì airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus tha e air an t-uabhas a dhèanamh airson cànan is cultar nan Gàidheal a chur air adhart.
Julie Fowlis
Sàr Ghàidheal 2022
Tha Julie Fowlis, a bha uair na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, air aon de na seinneadairean traidiseanta as aithnichte à Alba agus i air ainm a chosnadh dhi fhèin mar shàr sheinneadair Gàidhlig is neach-ciùil. Buinidh Julie do dh’Uibhist a Tuath bho thùs agus tha i air duaisean is aithne a chosnadh dhi fhèin tron cheòl aice. Chaidh a h-ainmeachadh mar ‘Sheinneadair Traidiseanta na Bliadhna’ aig na Duaisean aig BBC Radio 2 airson Ceòl Traidiseanta, b’ i a’ chiad ‘Tosgaire na Gàidhlig’ aig Riaghaltas na h-Alba agus tha i air òrain Ghàidhlig a chur fa chomhair an t-sluaigh air feadh an t-saoghail agus i air seinn ann an àiteachan leithid: Talla Charnegie, New York, Talla Consairt Mozart ann an Vienna, Philharmonie de Paris, ann an Globe Shakespeare ann an Lunnainn agus aig fèis eadar-nàiseanta ann am Fez, Morocco.
Coinneach MacÌomhair
Sàr Ghàidheal 2022
Tha Coinneach MacÌomhair, no Coinneach Mòr mar as fheàrr a dh’aithnichear e, glè aithnichte mar neach-aithris rèidio a lìbhrig am prògram ‘Prògram Choinnich’ airson 29 bliadhna air BBC Radio nan Gàidheal. Thòisich Coinneach, a bhuineas do Leòdhas, ann an craoladh sna 70an agus e an sàs ann an diofar phrògraman rèidio. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an diofar bhuidhnean coimhearsnachd agus Gàidhlig, agus tha e air a bhith na Chathraiche air Urras Steòrnabhaigh agus air Comunn na Gàidhlig. Bha e cuideachd na Chomhairliche aig Comhairle nan Eilean Siar.
Chì sibh gu h-ìosal aithris bho BBC An Là bhon tachartas air an oidhche.